Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 21 Giblean 2009

Bhon fheamainn chìreanach chun an duileasg

Duileasg

Chaidh Iain MacIlleathain a Bhrù a chòmhradh ri Mòr NicLeòid mu na seòrsachan feamainn a lorgadh tu air a' chladach.

Mòr: 'S e an tè a b' fhaisge do thìr, 's e an fheamainn chìreanach a chanadh iad rithe. Agus 's ann a bhathas a' buain na tè sin dha na beathaichean, dhan a' chrodh, agus a' dèanamh slaopadh oirre. Ga cuir ann an soitheach domhain agus a' dòrtadh bùrn goileach oirre agus a' cur rud air a h-uachdar.

B' e sin biadh a' chruidh. Feamainn ghoirid, dhosach a bh' as an fheamainn chìreanach. Mìn, dosach, meanbh.

Nise b' e an ath thè a-rithist 's e a' ghropach a chanadh iad rithe. 'S cha robh tòrr meas air an tè sin idir. Cha robh i fada 's bha i gun bhrìgh a choireiginich. 'S e an ath thè a-nise a b'fhaide shìos 's e an fheamainn dhubh.

Iain: Mas ruig sibh sin, dè bhiodh iad a' dèanamh leis a' ghropach?

Mòr: Cha bhiodh mòran sam bith. Chan fhaca mise a bhith a' dèanamh mòran sam bith. Bha i goirid 's bha i a' coimhead coltach ris nach robh sùgh innte. Agus bha iad dìreach, cha robh iad ga buain ann.

Ach 's e an fheamainn dhubh a-nise, bha i bolgach, 's bha i fada agus 's e sin an tè a bhiodh iad ri cleachdadh gu tric airson na talmhainn, am buntàta 's an coirce. Ach 's ann dhan t-sreath bhàn a bha i dol, as a' bhuntàta. Cha robh i dol còmhla ris a' bhuntàta idir ach dhan t-sreath bhàn.

Agus a-nise, sìos seachad air a sin, bha rud ris an canadh iad an fheamainn dhearg, no na stamhan, no langadair. Bha na h-ainmeannan sin air a sin. Agus 's ann an còmhnaidh air an fhearann eòrna, air an fheannag eòrna, 's ann a bha an fheamainn dhearg sin ri dol.

Agus a-nise, na b'fhaide muigh na sin, bha a' mircean. Bhite ag ithe mircean. Bhiodh daoine ag ithe mircean.

Iain: Bhiodh.

Mòr: Bha mircean fada agus bha e rudeigin coltach ri belt a bhiodh mur meadhan. Agus bha a' meadhan aige cruaidh agus bha gacha taobh dhan a sin, bha e tana. Agus bhathas a' toirt na h-oirean dheth, na h-oirean tana sin dheth, agus b' e meadhan, a' rud cruaidh a bha na mheadhan, a bhathas ag ithe. Dh'fheumadh e fiaclan math cuideachd!

Nise air taobh shìos sin, bha an cairgein agus 's ann ga chleachdadh mar bhiadh a bhathas air a' chairgein. Bhathas ga ghoil ann am bainne. Agus bha e a' dèanamh a' bhainne rudeigin coltach ri mar a dhèanadh binid e, no jelly, na rud dhen t-seòrsa sin. Nise b' e sin, mar gum biodh, an fheamainn a b'fhaide a-muigh 's chan fhaiceadh i ach le tràigh mhòr, mhòr, an cairgein.

Ach bha rud eile ann a bhiodh a' fàs as t-samhradh, 's cha bhiodh e ann ach as t-samhradh, ris an canadh iad liompan.

Iain: Liompan, cha chuala mi sin a-riamh.

Mòr: Well 's ann a bha liompan coltach ri feur fada, fada, agus bhiodh e an còmhnaidh, bhiodh iad a' feuchainn ri sheachnadh nuair a bhiodh iad ag iomradh bhon dheigheadh e lùib na ràimh orra...

Iain: Tha fios agam air.

Mòr: Nis, cha bhiodh e ann ach as t-samhradh. Bha e mar gum biodh onfhadh a' gheamhraidh ga bhriseadh air falbh...

Iain: 'S a robhas a' dèanamh feum sam bith dheth?

Mòr: ... Cha robh, cha robh. Chan faca mise bhith dèanamh feum dheth a-riamh. Well, fhios agaibh, cha robh e a' fàs gu as dèidh àm na talmhainn. 'S ann as t-samhradh a bhiodh e a' fàs. Agus bha seòrsa de dh'fheamainn eile ann a bhiodh iad ag ithe air a robh slabhagan. Agus bha e rudeigin buidhe.

Agus bha 'd ga thoir a-steach an taigh agus ga thaomadh mu spògan a' chlobha na rud dhen t-seòrsa sin, a b' urrainn dhaibh chumail a-steach dhan teine no ris an teine airson nàdar bloigh bruich no slaopadh a dhèanamh air.

Iain: 'S e, 's e.

Mòr: Agus bha iad ga ithe mar sin. Nise cha robhas a' dèanamh sin air a' mhircean idir...

Bhathas ag ithe a' mhircein mar a bha e, amh, as a' chladach.

Iain: Agus an d'thuirt sibh stamh rium cuideachd?

Mòr: ... B' e sin a' chas air a robh a' liadhag a' fàs.

Iain: Agus 's e a' liadhag dìreach na duilleagan?

Mòr: An duilleag mhòr, 's e. Bha i rudeigin coltach... 's ann a bha a' stamh rudeigin coltach ri rhubarb, le duilleag mhòr mar sin...

Iain: Nise, tha làn fhios agam gun dh'fhàg sinn aon às, air a bheil sibh fhèin 's iongantach tòrr nas eòlaich na bha mise. Agus 's e sin an duileasg.

Mòr: O an duileasg. O bha an duileasg, bha. 'S e feamainn bhrèagha mhìn a bha sin agus 's ann le tràigh mhòr a gheibhte an duileasg cuideachd.

Iain: 'S ann, agus bhite ag ithe sin dìreach mar a bha e.

Mòr: Bhiodh, dìreach mar a bha e. Ga ghlanadh as an t-sàl agus ga ithe as a' chladach no bheirte dhachaigh e cuideachd.

Iain: 'S am bite a' toirt sin dhan a' chrodh?

Mòr: Duileasg? Bhiodh, nam biodh tòrr ann dheth, ach chan eil e uabhasach pailt, eil fhios agaibh. Chan eil an duileasg cho pailt ri sin ann.

Iain: Chan eil.

Mòr: Agus chan eil e a' fàs fada. Tha e dosach, ìosal agus meanbh a choireigin.

Iain: Agus dìreach mar a bha sibh ag ràdh, 's ann le tràigh mhòr...

Mòr: O 's ann le tràigh mhòr a gheibheadh duine an duileasg. Agus 's ann an còmhnaidh as t-samhradh a bha na rudan sin, bhite ag ithe na rudan sin.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.