Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Giblean 2009

Seanfhacail is Abairtean

Fiachan air duine na gheallas e

Ma gheallas tusa rud do dhuine sam bith, tha e mar fhiachan ort an gealladh sin a choilionadh.

Trian galair ri oidhche

Ma tha thu tinn agus tu as an leabaidh 's muinntir an taigh uile nan cadal ach thusa nad dhùisg tha thu buailteach a bhith faireachdainn nas miosa. Saoilidh tu an còmhnaidh gu bheil tinneas sam bith nas miosa tron oidhche.

Cha robh na bhodach nach robh na bhalach, ach 's lìonmhor iad a bha nam balaich nach robh nam bodaich

Cha do leig an leisg dha dheòin duine gu slighe a' chòir a-riamh

Bho Iain MacAmhlaigh, Rathanais, Leòdhas

Am facal murag

B' e seo rud sam bith a thigeadh air a' chladach gun dùil ris.

Bho Cheit NicAoidh, Borgh na Sgiotaig, An t-Eilean Sgiathanach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.