Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Giblean 2009

Croitearachd

Buntàta

Buntàta atharnaich

Seo a chante ri buntàta a thàinig as an aon àite barrachd air aon bhliadhna. Anns a' chumantas, cha b' e buntàta math a bhiodh a seo idir.

Buntàta dubh

Nuair a sgealbadh tu buntàta dubh bha dath brèagha purpaidh nam broinn.

Buntàta ruadh

Bha iad seo a' tighinn à taobh an ear Bheinn nam Fadhla, ma dh'fhaodte à Eilean Fhuidheigh.

Galairean bheathaichean

Fiabhras / Tinneas a' bhainne

Crodh

Bha an lighiche-sprèidh Dòmhnall Iain MacIllinnein ag innse mar a bheirte faochadh do bhò air an robh tinneas a' bhainne le bhith a' cur èidhear dhan ùth aice.

Bha Mòr NicLeòid, Brù ag ràdh gu robh làn chuimhne aice fhèin air seo fhaicinn agus gur ann an còmhnaidh ann an crodh-bleòghnach a thigeadh e, sin crodh a bha air ùr-bhreith 's tòrr bainne aca. Bha i a' cuimhneachadh air mart a bh' aca fhèin air an robh e agus shaoileadh duine gu robh i dìreach as na buillean 's i a' bàsachadh.

Dh'fheuch iad ri èadhar a chur dhan ùth aice le hypodermic syringe 's ga ghaothadh le pumpa baidhsagail. An uairsin cheangail iad sinean na bà agus an ceann leth-uair bha a' bhò air a casan. Dh'fhàg iad na sinean aice ceangailte airson ceithir uairean fichead dìreach airson dèanamh cinnteach.

Bha Dòmhnall Iain MacIllinnein ag ràdh gur e calcium a' tuiteam a dh' ùth na bà a bha ag adhbharachadh an fhiabhrais agus nach eil aca an diugh ach injection calcium a thoirt dhan mhart.

Sgeulachd mu fhiabhras a' bhainne

Ciamar a thuig duine riamh gun dèanadh rud cho annasach ri pumpadh èadhar dhan ùth leigheas do thinneas a' bhainne?

Tha e coltach gur e lighiche-sprèidh as a' Ghearmailt a rinn sin a-mach. Bha eòlaichean air dèanamh a-mach nan cuireadh iad stuth ceimigeach a choireigin mar potassium manganate ann am bùrn 's nam pumpadh iad sin a dh' ùth na bà gun faigheadh i faochadh. Ach bha iad a' smaointinn gur e an stuth ceimigeach a bha èifeachdach.

Aon latha chaidh lighiche-sprèidh slighe mhòr gu bò air a robh fiabhras a' bhainne. Nuair a ràinig e, 's e dol a dhèanamh an rud àbhaisteach, mhothaich e gu robh e air an stuth ceimigeach fhàgail as a dhèidh, mìltean air falbh. Agus 's ann a smaoinich e gu feuchadh e gun an stuth ceimigeach idir. 'S e dìreach èadhar a bha e a' pumpadh dhan ùth 's nach ann a rinn e a' cheart uiread a dh'fheum. 'S ann air thuairmeas mar sin a rinneadh a-mach gur e atharrachadh am pressure ann an ùth na bà a bha a' cur stad air a' chalcium bho bhith tuiteam 's a' toirt fiabhras air a' bhoin.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.