Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Giblean 2009

A' cur a' bhuntàta

Buntàta

Chaidh Flòraidh a thadhal air Donnchadh Currie ann an Loch Baghasdal, Uibhist a Deas airson cluinntinn mu chuid de na seann chleachdaidhean a bha co-cheangailte ri cur a' bhuntàta.

Flòraidh: Cò leis a bhiodh iad a' cur a' bhuntàta, ma tha?

Donnchadh: O bha le pleadhag. Fhios agad?

Flòraidh: Fiodh?

Donnchadh: Fiodh, fiodh agus cha robh iarann ri bhith innte idir.

Bha e cho doirbh sìor thoir gob air pleadhag. Fhios agad, gob, feuch am biodh i biorach 's gu rachadh i tron talamh 's an talamh a' fàs cho tioram. Agus dh'fheumadh a' phleadhag faighinn sìos chun an todhair co-dhiù.

Flòraidh: Agus sin obair nam boireannach air latha Dihaoine na Ceusda?

Donnchadh: 'S e. Boireannaich, 's iad a bhiodh ris an uair ud nuair a bha mise òg. Bha na fireannaich, bha 'd a' cur na pleadhaig sìos ro fhada, even ... cha robh iad airson idir fireannach ga chuir. Ach cha deargadh ise a' phleadhag a chuir sìos tuilleadh 's a chòir fada ann.

Flòraidh: Tha mi tuigsinn.

Donnchadh: Bha i ruighinn an todhair. Sin a' rud a bha a dhìth orra, gu ruigeadh an t-slis an todhar. Siud mar a bha iad ag obair.

Agus nuair a bha an talamh leathainn air an dàrna ceann dh'fheumaist briogais a dhèanamh. Sin agad dà fheannag ach bha 'd a' tighinn còmhla mu dheireadh, na dhà.

Flòraidh: Robh iad mar gum biodh dà chas briogais, an e?

Donnchadh: Aidh. 'S e. Dìreach mar gum biodh gobhal duine agus e na shìneadh is thàinig dà fheannag còmhla mu dheireadh gus gu robh finish air an fheannaig...

Flòraidh: Am biodh sibh a' cur a' bhuntàta as an aon àite a h-uile bliadhna?

Donnchadh: O cha robh. Dh'fheumadh dusan bliadhna a bhith ann man tigeadh tu air an talamh sin a-rithist. Bha, fhios agad, cha dèanadh e sìon a dh'fheum, can gu robh far an robh e am bliadhna air a chuir... buntàta sam bith. Ged a dh'fhàgadh tu a' chlais ann am meadhan na feannaig is tòiseachadh air tè eile a dhèanamh far an robh e an-uiridh, cha bhiodh ann ach grìleagan.

Flòraidh: Seadh, cha bhiodh maitheas air fhàgail ann...

Donnchadh: Cha robh. Cha robh sìon a dh'fheum ann. Dh'fheumadh tu talamh ùr a bhith ann agus sin mar a bha iad ga obrachadh.

Flòraidh: 'S a-nisd nuair a bha am buntàta air a chuir, bha sibh a' ràcadh an àite?

Donnchadh: O bha, bha.

Flòraidh: 'S an e sin e deiseil?

Donnchadh: O 's e, 's e. Bha e deiseil an uairsin.

Agus nuair a bhiodh am pìos air a chuir air fad, bha m' athair a' dol a-null agus bha e a' cur crois Chrìosda aig ceann a' bhuntàta. Fhios agad, ga ghearradh mar sin agus a' dèanamh crois aig ceann a' bhuntàta airson good luck .

Agus, well a-nisd, bha e a' dèanamh sin aig ceann na feannaig mu dheireadh. Ach bha e ga dhèanamh nuair a bha e ullamh dhan taomadh cuideachd, ach cha robh e particular, ach bha a' chrois ud ri dèanamh ceart, fhios agad.

Agus bha e toirt sìos, bha, ma rachadh na slisnean mu dheireadh a bha a' dol san talamh. Bha e a' dèanamh an aon rud ma rachadh a' chiad shlisnean as an talamh, a' cur uisge coisrigte air. Agus far an robh na slisnean mu dheireadh air a chuir, bha siud ri dhol ann agus a' chrois aig a' cheann.

Agus rud uabhasach neònach... bidh mise ga dhèanamh uaireannan, ach uaireannan cha bhi.

Ach a-nisd am buntàta mu dheireadh a rachadh a chuir, sin a' chiad fhear a bha coir fheuchainn, fhios agad, 'son a bhuain.

Flòraidh: Am buntàta mu dheireadh, seadh, carson a bha sin?

Donnchadh: Well, a' lagh a bh' ann. Ach bha a' chrois ann a shiud. Well, bha siud mar siud 's bhathar a' buain a' bhìdeag mu dheireadh. Sin buntàta a b'fheàrr a gheibheadh tu as a' phìos. 'S e bu neònaiche leamsa riamh, can a-nisd gu robh... well cha bhitheamaid na b' anmoiche na 1st – 2nd May . Bhiodh a' 2nd May ann 's chunna mi bhith ga bhuain air thoiseach... och bha e fichead uair na b'fheàrr na chiad rud a chuireadh tràth airson buntàta tràth.

Flòraidh: Bha.

Donnchadh: O bha e mòr, snog, tioram. Tioram, math. Nach robh e neònach?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.