Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 7 Giblean 2009

Ag ullachadh talamh-àitich

Buntàta

A' cuimhneachadh air mar a bhathas ag ullachadh an talamh-àitich mus cuireadh iad sìol no buntàta bha Seonag NicAonghais à Diùranais, Loch Aillse; Aonghas Dòmhnallach à Hàstainn, Uibhist a Tuath; Aonghas Dòmhnallach à Scolpaig, Uibhist a Tuath; Donnchadh Currie à Loch Baghasdal, Uibhist a Deas agus Torcaill MacRath à Grimsiadar, Leòdhas.

Seonag: 'S bha òcrach nan cearc 's òcrach nan eich air a chumail air leth agus òcrach na luathan, luathan nam mòna, agus bha sin an còmhnaidh air a sgaoileadh glè thana airson buntàta luath-aireach. Chuid eile dhan an innear, tha innear a' chruidh, bha e air a sgaoileadh air feadh an talamh-àitich uile gu lèir. Cha robh speiligein dheth air fhàgail nach robhar a' dèanamh feum dheth.

Torcaill: 'S e innear a' chruidh air a mheasgachadh le rudan a bhiodh a' tuiteam aig an casan aca mar sràbhan 's rudan dhen t-seòrsa sin. Ach bha iad airson a bhith a' cumail sin a-staigh an-dràsta, airson nach biodh na siantan ga ghlanadh 's a falbh le rudan.

Ach bha na seann daoine, na fìor sheann daoine a bha seo, bha 'd airson gum biodh an todhar aca a-staigh agus bha 'd airson gun deidheadh a chuir air an talamh sa spot. Eil fhios agad, cha robh iad airson fhàgail a-muigh na càil.

Ach, can an-dràsta nuair a bha an todhar a' fàs cho mòr a-staigh, eil fhios agad bha e a' gearradh sìos rùm an àite 's thigeadh orra an uairsin a thoirt a-mach 's bhiodh iad ga chuir a-mach.

Seonag: Bha 'd a' cumail innear a' chruidh airson a' bhuntàta 's airson na snèipean agus bha e uile air a chuir a-mach le eich 's le cairtean agus na chuir na dhùn 's a-rithist na sgaoileadh. Agus airson am buntàta agus na snèipean bha 'd a' cur an inneir glè thiugh. Ach airson feur na glas-talamh bha 'd na sgaoileadh glè thana.

Donnchadh: An todhar dearg fhèin bha e glè mhath cuideachd. Can gu robh e treis ann an tòrr, 's e air mòran leaghadh air falbh, bha sin glè mhath ach gu feumadh tu an t-uabhas fhèin dheth. Can a' chairt a bha dol, och, dhèanadh e deagh fheannag.

Aonghas (Hàstainn): Cha robh an fheamainn dhubh a leth cho math, bha iad a ràdh, feamainn a bhiodh tu a' gearradh. 'S e bha seo ach feamainn a bha tighinn air a' chladach leatha fhèin, feamainn dhearg. Bidh dìreach na tunnaichean dhith shìos a seo air a' chladach uaireannan.

Dearbha cha robh sinn a' gearradh uair sam bith a-bhos a seo. Cha robh. Feamainn gu leòr air a' chladach. Feamainn dhearg. Gràp is clatarain uaireannan airson a bhith slaodadh a-mach às a' staca. Seo gràp air a lùbadh agus cas air a chuir ann. O bha e math.

Bhitheamaid a' todhar an arbhar air a' mhachair an còmhnaidh, cha mhòr a h-uile sgath a bha sinn a' cur ann nach robh sinn a' todhar le feamainn. Mar a cuireadh tu feamainn air cha mhòr a bhiodh ann. Bha an fheamainn ga thodhar 's ga bheathachadh.

Aonghas (Hàstainn): Bha 'd a' cur an fheamainn a-measg an innear. Cha robh iad na chuir dìreach neat air an talamh idir. Bha 'd an còmhnaidh ga chuir a measg an innear.

Torcaill: Nuair a bha iad a' cur buntàta, bha sreath bhuntàta agad 's bha sreath bhàn, tè as nach robh iad a' cur. Can an-dràsta, an t-astar a bha eadar a bha eadar an dà shreath, bhiodh dà spaid ann co-dhiù. Blade na spaid, tha mi ciallachadh.

Nise, a' chiad fear a bha iad a' cur air a' bhuntàta cha robh feamainn a' dol idir ann. Ach bha as a' rud a dh'fhàg thu, eil fhios agad, nuair a chuir thu car dhan a sin. Bha 'd an uairsin a' cur fear eile timcheall air a sin. Bha sin, mar gun canadh tu, tha ... cha chuimhne leamsa an-diugh dè an ùine a bha 'd a' cumail buntàta bho chèile. Chan eil càil a' chuimhne agams' ged is iomadh turas a rinn mi e.

Torcaill: Bha iad a' cur uidhir de stuth air eadar todhar is innear. Bha e a' dol na thalamh math. Ach a-nis nuair a chaidh sguir dhan a sin, chan aithnich thu an-diugh gu bheil feannag na càil ann. Cha do thòisich càil a' fàs às ach luachair.

Aonghas (Scolpaig): 'S dòcha nach bitheamaid a' cur todhar idir air, air a' ghlas. Sin agad an talamh nach biodh arbhar an uiridh idir ann. Bha e glas agus bheireadh an glas bàrr dheth gun an todhar idir. Ach an ath bhliadhna a-rithist bhitheamaid a' cur an todhar air, a' cur feamainn air. Agus bheireadh e às coirce math, gu h-àraid nam biodh... an coirce glais an còmhnaidh, bhiodh an t-uabhas sìl air. Cha bhiodh a' chas mòr idir. Bhiodh e goirid ach bhiodh an t-uabhas sìl air.

Seonag: Cha robh each aig a h-uile duine 's a' bhaile ach bha 'd an còmhnaidh, fhios agad a shareadh a-measg a chèile 's a' cobhair càch a chèile. Ma bha thusa a' cur a-mach na h-innearach bha neach-eigin eile a' tighinn na do chobhair-sa a' lìonadh nan cairtean. 'S a-nis an ath latha bhiodh an t-each air a thoir dhan neach eile 's ... agus bha an treabhadh air a dhèanamh an aon rud mar sin. Bha 'n còmhnaidh paidhir eich ag obair còmhla.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.