Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 31 Màrt 2009

Taigh-falaich ann an Taigh Dubh

Crùb

Tha Fionnlagh MacLeòid ag innse mu thaigh-falaich a bha ann am Bragar, Leòdhas.

Fionnlagh: 'S dòcha latha-eigin gun tèid mi fhìn 's tu fhèin a shealltainn air atach taigh-dubh a th' ann am Bradhagair. Tha e air eisimpleir cho math 's a th' air fhàgail cho fad 's is aithne dhòmhsa. 'S tha taigh-falaich shuas as a' cheann shuas aige, air taobh shuas an taigh-fhuaraich. Bha 'n taigh-fhuaraich a' dol a-mach bhon an teine agus chan e a-mhàin gu robh taigh-falaich ann ach, ri taobh an taigh falaich, tha àth.

'S gheibheadh tu suas bhon teine dhan an àth tro toll-crùbaidh agus a-mach as an àth a-steach dhan taigh-falaich le toll-crùbaidh eile.

Ach, mar a thuirt thu fhèin air prògram eile, bhon taobh a-muigh, bha an tughadh gu lèir fon aon fhuaim 's chan aithnicheadh tu gu bràth gu robh iad ann. Agus airson uisge-beatha na càil sam bith bha e ann, ach tha 'n taigh seo sònraichte cuideachd bhon tha ann dà chrùb.

'S e crùban a-nis na leapannan a bha as a' bhalla agus 's e dà chrùb eadar-dhealaichte a bh'ann. Bha aonan aca a' tighinn, eil fhios agad, corbelled, mar gum biodh, agus bha tèile le àrd-doras mhòr, mhòr oirre ach tha an tè sin air tuiteam.

Agus tha taighean fhathast ann an àiteachan eile, can, bhos cionn Sgealascro far a bheil crùban as a' bhalla. Ach 's e fear-s' ann am Bradhagair a' fear as slàine agus as fheàrr is aithne dhomh.

Iain: Nuair a smaoinicheas tu an-dràsta air an taigh bhon taobh a-muigh agus, rud a chitheadh tu trom, tric, 's e caora na dhà air an tobhta ag ithe. Agus tha an dealbh sin agamsa gu math, math soilleir nam inntinn fhìn.

Fionnlagh: Eadar an taigh 's a' sabhal ann a shin, as a' chlais ghorm a bhiodh a sin.

Iain: An t-slag a bha sin...

Fionnlagh: ...le bun-baca, na clachan air an tobhta ann a shin, 's na h-acraichean 's an dragh. A h-uile càil a bha sin ri taobh na caorach.

Iain: Bha agus a h-uile càil a bha sin air a chuir cho grinn, mar gum biodh. Bidh mi tric a' smaoineachadh mar a bha na h-acraichean dìreach troigh na ochd òirlich dheug bhon tobhta, agus a h-uile gin aca dìreach a rèir a chèile.

Flòraidh: 'S na peilichean uisge taobh a-staigh... as an trannsa, agus an crogan siorap, tha mi smaointinn a bhiodh aca, a' cur a' chrogain a-staigh dhan an uisge airson deoch.

Fionnlagh: Dè an t-ainm a bh' agaibh-se air na stoban a bha am mullach an taighe? Dè am fear dhe na h-ainmean a bh' agaibh orra?

Iain: A-mach à mullach an taighe?

Fionnlagh: Seadh.

Iain: Well , bhiodh maide-fithich gu math tric.

Fionnlagh: An corra-chulachainn?

Iain: Well , chuala mi sin cuideachd, 's maide-feannaig. Tha mi smaoineachadh gu robh na trì ann. 'S bha an gath-droma, 's am bun-baca 's dè an t-ainm a bh' agad fhèin, mar eisimpleir, air an stuth a bha eadar an dà bhalla.

Fionnlagh: An glutaran no an ùdabac?

Iain: 'S e. Tha mi smaoineachadh gu robh rudan dhan t-seòrsa sin ann, talamh balla 's tha a' sileadh mar gum biodh a' tighinn a-nuas agus a' ruith dhan a' ghlutadh a bha sin, agus a rèir choltais bha seo a' cumail na h-uibhir a' bhlàths air an taigh, an talamh a bha sin a' fliuchadh 's a' cumail blàths agus dìreach a' cumail fuaim na gaoithe a-muigh.

Fionnalgh: Ach cho math cuideachd mar a bha an àirneis a bha am broinn an taighe. Bha e cha mhòr na phàirt dhan an taigh. Bha an cumadh a bha air an àirneis, bha e a' dol suas leis an leathad 's ag orradh an taobh ud 's an taobh ud eile. Cha b' e idir còrnairean. Bha rud air fhighe a-steach na chèile slàn.

Iain: Bha 's an dreasair, eil fhios agad, man a bha e suas 's an uairsin a' tighinn a-mach às a' mhullach 's na soithichean an uairsin na seasamh ann a sin. Tha tòrr dhe na rudan sin 's na beathaichean, na beathaichean shìos air an todhar.

Fionnlagh: Bha na beathaichean, bha an stiall 's na bha na cois. Cha chreid mi nach do dh'ainmich thu rudeigin man a' stiall nach robh fhios agamsa air.

Iain: Well , 's dòcha mas do shuidh sinn ann a seo bha mi bruidhinn air, tha, a' smèathag a bhiodh timcheall amhaich beathaich agus, a' ruith eadar a' smèathag agus a' stiall, am pìos ròp a bha sin. Tha mi smaoineachadh gur e an geugaire a bhiodh aig gu leòr air.

Fionnagh: Cha chuala mi sin a riamh. 'S an e a' stiall a bh' agad air a' mhaide fhèin, air a' chabar, no an e air a' rud a bha gluasad suas is sìos mar a bha an todhar a' dol an àirde?

Iain: Well , 's e ceist a tha sin. 'S e ceist a tha sin. Tha mi smaoineachadh gur e sin aon de na facail a rèir mar a bhathas a' cleachdadh 's a' cleachdadh a' rud gu robh an rud ma robhas ga chleachdadh ag atharrachadh. Dhòmhsa 's e stiall a' maide.

Fionnagh: Ach as a' gheamhradh, àm breith na bà, a' laogh sleamhainn ga shlaodadh dhan t-sabhal 's càis an ùinns, 's an t-ùnns fhèin. A h-uile càil tha sin. Sin dealbh geamhraidh de bhalach.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.