Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 31 Màrt 2009

Deiseil agus Tuathal

Bàtaichean-ramh

Bha na seann daoine a' creidsinn gu mòr gum bu choir gnothaichean a dhèanamh a' dol leis a' ghrèin no deiseil, m.e. tionndadh eathraichean.

Bha bodach à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas a' cuimhneachadh air òige fhèin agus nuair a bhite a' marbhadh bheathaichean. Bha an fhuil air a cumail agus 's e an obair a bh' aig an òigridh an fhuil a mheasgachadh le craiteachan de shalainn garbh agus an uairsin a chuir mun cuairt 's mun cuairt airson a dheagh mheasgachadh.

Dh'fheumadh iad a chuir mun cuairt deiseil, leis a' ghrèin, agus bha e air a ràdh riutha nan cuireadh iad mun cuairt an rathad eile e, tuathal, gu reothadh e 's gu fàsadh e tiugh. Nuair a dh'fhaighnich iad carson a bha seo chaidh innse dhaibh gur ann mar seo a bha an fhuil a' cur nan car ann an corp a' bheathaich.

Cha thionndaidheadh daoine bàtaichean an aghaidh na grèine, tuathal, agus anns na seann mhuilnean bha a' chlach agus na rothan an còmhnaidh a' dol leis a' ghrèin.

Bha tuathal a' ciallachadh ceàrr is cleachdar e anns an t-seadh sin fhathast. "Tha mi air a dhol tuathal." Chan fhaodadh tu iomairt chairtean a dhèanamh ach deiseil ach bha cuid ann a dhèanadh a' chombaist gach taobh, an aghaidh na grèine agus leis a' ghrèin.

Ma tha thu dol an aghaidh an ranna no an aghaidh a dh' earra chan eil thu dol an taobh ceart.

Agus 's e a' chearrag a chante ris a' làmh cheàrr.

Clèibh

Cliabh

Tha na leasan anns am bite a' fàs caol, seòrsa de sheileach, ri faicinn fhathast sìos taobh siar Leòdhais bho Ùig gu Àrnol.

Tha arc-eòlaichean air a bhith a' cladhach bhon bhùrn ann a Loch Bharabhat ann an Ùig, Leòdhais, agus tha 'd air toirt an àrda rudan a tha dà mhìle bliadhna a dh'aois leithid fraoch, buachar bheathaichean, agus cliabh. Ann an cumadh is meud, cha mhòr nach eil an seann chliabh seo man an cliabh air an robh Dòmhnall MacArtair a' bruidhinn.

Aig aon àm bha daoine ann a bhiodh a' falbh bho thaigh gu taigh le ceap a' dèanamh chlèibh. Bha fear a bh' air a' Chàrnan ann a' Siabost, Leòdhas a bhiodh a' falbh leis a' cheap air a ghualainn.

Ann an Nis, bhathas a' dèanamh chlèibh le cuiseagan. Bha cuiseagan fireann agus cuiseagan boireann ann 's bha na cuiseagan fireann na bu ghairbhe. Chuala Fionnlagh bho Fhionnlagh MhicPhàil à Tàbost gu faca e a nàbaidh fhèin, fear ris an cante Sùrdaidh, a' dol a-steach dhan t-sabhal le pasgan chuiseag bho ghàirdean 's cha tug e ach uair a thìde gus an tàinig e mach leis a' chliabh-chuiseag air a dhruim.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.