Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 24 Màrt 2009

Co-cheangailte ri Òrduighean

Comharra

Na Comharran

Air na comharran a bhiodh an luchd-comanachaidh a' faighinn bhiodh ainm a' choitheanal sgrìobhte agus "This do in remembrance of Me" . Air an taobh eile bha sgrìobhte "Let a man examine himself".

Bho Choinneach Iain Mac a, Ghobhainn, Iarsiadar, Leòdhas

Cairtean-comanachaidh

An-diugh, an iomadh àite, 's e cairtean-comanachaidh a th' ann an àite nan comharran meatailt a chleachd a bhith ann. Anns a' bhitheantas bidh na h-eildearan a' tadhal air dachaighean a' toirt seachad nan cairtean-comanachaidh agus bidh na buill gan giùlan leotha gu seirbheis a' chomanachaidh. Tha seo na dhòigh air gun cùm an seisean lorg air cò a bhios a' frithealadh na Sàcramaid agus cuideachd na mheadhan air gum bi ceangal aig na h-eildearan ris na buill a th' anns an roinn acasan den sgìre.

Bhon Urr. Iain Mac a' Ghobhainn, Loch na Madadh, Uibhist a Tuath

Lag a' chomanachaidh agus Eaglaisean Bheàrnaraigh Na Hearadh

Tha an t-àite seo ann am Beàrnaraigh Na Hearadh far am bite a' cruinneachadh airson nan òrduighean. 'S e lag a th' ann, anns a' bheinn, le bearradh air gach ceann dheth.

Tha e coltach aig aon àm gum biodh uiread a dhaoine a' frithealadh nan seirbheisean as an Eaglais Mhòr, sin Eaglais na h-Alba ann am Beàrnaraigh agus gu feumadh an fheadhainn mu dheireadh a thigeadh a dhol dhan Eaglais Shaor no mar a bh' aca oirre An Eaglais Bheag chionns nach robh àite ann dhaibh far an suidheadh iad. Bhiodh aig cuid ri suidhe as na h-uinneagan is bhiodh cuid eile nan suidhe air dèilean fiodha eadar na suidheachain no na treastaichean.

Bho Oighrig NicLeòid, Beàrnaraigh na Hearadh

Bàsaichte

Bhiodh farpais eadar dhaoine airson aoigheachd a thoirt do choigrich a bha frithealadh òrduighean. Bha aon tè, tha e coltach, a thàinig a Bheàrnaraigh à Uibhist. Bha dithis bhoireannach a' farpais ach càite robh an tè seo a' dol a dh'fhuireach. Tha e coltach gun d'thuirt an tè Uibhisteach 's i air a sàrachadh aca 's gun fhios aice cò an taobh a rachadh i, "Bha mi gu bhith bàsaichte ach cò an taigh dha rachainn!"

Bho Oighrig NicLeòid, Beàrnaraigh na Hearadh

Am Brod / An Tional

B' e am brod cas mhòr fhada mar cas sguab, ach gu math na b’fhaide, gus an ruigeadh e ceann nan suidheachan. Bha bogsa air a cheann ach a' faigheadh daoine air an tional a chuir ann. B' e an tional an t-airgead a bhathar a' cruinneachadh san eaglais. Ann an cuid a dh'àiteachan, bha e air a ràdh gur e am brod a bh' air a chionns gum biodh an duine a bhiodh leis a' brodadh dhaoine nach robh ro dheònach no ma dh'fhaodte air chomas airgead a thoirt seachad.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.