Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Màrt 2009

Trì cait

Trìthean

  • An giomach, an rionnach agus an ròn - trì seòid a' chuain.
  • Trì nithean a thig gun iarraidh - an t-eagal, an t-eudach 's an gaol.
  • Na trì nithean is luaithe air an t-saoghal - sruth eas, sruth teine agus sruth bhreugan.
  • Na trì rudan is brèagha air an t-saoghal - long fo h-uidheam, òg-bhean leatromach, is gealach làn.
  • Na trì gaothan a b' fhuaire - gaoth tron aiteamh, gaoth tro tholl agus gaoth fo bhonn siùil.
  • Trì mathan a thèid am mothad: math air an duine, math air seann duine, agus math air leanabh beag.
Capall searraich, long fo sheòl, ach bheireadh giomach nan casan cama Rubha thairis air a sròin.

A' ciallachadh gur e an giomach bu luaithe.

Bho Shìne Churrie, Loch Baghasdal, Uibhist a Deas

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.