Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Màrt 2009

Rùm an uaigneis no taighean-falaich

Balla taigh-dubh

Anns na taighean-dubha aig àm nam Press Gangs, can gum biodh taigh ann far am biodh banntrach a' fuireach leatha fhèin le 's docha aon mhac no dithis mhac aice. Gu follaiseach, bha i an urra ri a mic airson obair croit is mònach is cha bhiodh i airson gun deidheadh an togail dhan arm no dhan nèibhidh.

Ma smaoinicheas sibh air ceann shìos no ceann shuas taigh-dubh far a bheil a' chlachaireachd a' tighinn cruinn, bha an cleachdadh aca a bhith a' togail balla dhà no trì a throighean air taobh a-staigh sin, dhan an aon chumadh ri taobh a-muigh an taighe. Nuair a shealladh tu bho bhroinn an taighe chan aithnicheadh tu nach e taobh a-staigh a' bhalla a-muigh a bha thu a' faicinn. Bhiodh seo air a dhùnadh dheth gu lèir, agus, nuair a bhiodh na Press Gangs a' tighinn timcheall a' lorg daoine, bhite a' cur na fireannaich òga air falach eadar an dà bhalla.

'S e taighean-falaich a chanadh cuid riutha agus rùm an uaigneis aig cuid eile. Cha bhiodh iad a' fàgail fosgailte ach clach na dhà no trì ann am bonn a' chlachaireachd agus bhite a' cur biadh a-steach chun a' ghille a bha air falach ann.

'S e Calum MacLeòid à Càrlabhagh a dh'innis seo do dh'Iain agus bha Calum ag ràdh gu faca e fhèin rùm an uaigneis ann an taigh ann am Bòstadh ann am Beàrnaraigh Leòdhais.

Seanfhacail is Abairtean

Eich

Cho righinn ris an aga-phot!

Chante mu dhuine, "Tha e cho righinn ris an aga-phot!" agus tha e coltach gun itheadh cuid an aga-phot!

Bha beachd ann gu robh seo a' dol air ais gu àm nuair a chaidh Gearastan Dheòrsa a steidheachadh an toiseach (1749-67) agus 's e eachraidh gu ìre mhòr a bh' anns a' Ghearastan aig toiseach tòiseachaidh.

Chanadh daoine "O dh' itheadh tu nag a' Fort" a' ciallachadh gun itheadh tu fiùs na starran bheathaichean bu mhiosa a bh' anns a' ghearastan sin.

Snàithlean fada an droch thàillear

Ma tha snàithlean fada ann a' snàthad tha e dèanamh fuaigheal doirbh. Le snàithlean fada bhiodh e doirbh loinn a chuir air obair.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.