Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Màrt 2009

Sgeulachd: An sgiobair agus an fhear-faire

Bàta-siùil

Tha a' sgiobair ag iarraidh air an fhear-faire tuilleadh seòl a chuir ris a' bhata agus tha am fear-faire ga fhreagairt, agus seo mar a tha an còmhradh aca a' dol.

Sgiobair: Seall suas agus sìos, gu dè luaths na h-iùbhraich?

Fear-faire: Faochagan dubha a' chladaich, a' snagardaich mu h-ùrlar.

Chan eil seo luath gu leòr leis an sgiobair is tha e ag ràdh, "Cuir tuilleadh seòl rithe." Tha am fear-faire a' dèanamh sin.

Sgiobair: Seall suas agus sìos, gu dè luaths na h-iùbhraich?

Fear-faire: Tha easgannan dubha nan càrn, a' lùbadh mu bhàrr nan slat.

Ach tha an sgiobair ag ràdh a-rithist, "Cuir tuilleadh seòl rithe." Tha am fear-faire a' dèanamh sin.

Sgiobair: Seall suas agus sìos, gu dè luaths na h-iùbhraich?

Fear-faire: Mar aigne nam ban-baotha, tha luathas na h-iùbhraich.

Chante bean-baotha ri boireannach a bhios a' bruidhinn 's a' bruidhinn aig astar uabhasach agus a bhios a' falbh bho chuspair gu cuspair.

Bho Thormod MacLeòid, An t-Òb, Na Hearadh

Lampa Aladdin

Seo lampa air an robh an dà chuid mantle agus siofag. Bha mantle biorach as a' bhàrr agus bha e leathann agus cruinn agus fosgailte aig a' bhonn. Bha an t-siofag a' dol aig bonn a' mhantle. Bha glob glainne oirre ach bha aon fhàilligeadh oirre – bha i buailteach a dhol na smàl 's cha b' urrainn dhut a' fàgail mur a robh cuideigin a-staigh! 'S e paraffin a bha i a' losgadh is bha bonn mar bobhla glainne oirre 's i uabhasach fhèin brèagha, àrd le solas glè mhath aiste. Ach math is gu robh i, cha robh i leth cho math ris an Tilley.

Bho Thormod MacLeòid, Tolastadh a Chaolais, Leòdhas

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.