Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Màrt 2009

Sìde

Bàta Lochlannach

Latha Fèill Phàraig ma bhios i grianach, thig an iuthar às an toll

Bha Tormod MacLeòid, An t-Òb, Na Hearadh, ag ràdh gur e facal airson nathair a bh' ann an iuthar, agus gu bheil e a' dol air ais gu àm nan luingeis Lochlannach, na serpent ships le nathraichean air an toiseach aca. Bha cuimhne aig Tormod air na bodaich anns na Hearadh ag ràdh mu dheagh eathar chalma, tapaidh "Nach b' e 'n iuthar i!"

Iuchair bruthainneach, blàth, bheir e fàs agus toradh

Fèath Faoillich is gaoth Iuchair, cha mhair iad fada

Am feur a thig a-mach sa Mhàrt, thig e a-steach sa Ghiblein

Ged a bhiodh sìde mhath ann aig àm sam bith tron Mhàrt faodaidh fìor dhroch shìde tighinn às a dhèidh.

A' cho-thràth agus bòcain

Èirigh na grèine

Thàinig fios bho Thormod MacLeòid gur ann moch 's a' mhadainn a bha a' cho-thràth, a' ciallachadh comharra thràth no false dawn anns a' Bheurla, nuair a tha thu a' feitheamh ri solas an latha agus a thig beagan soilleireachd an toiseach ach an uairsin falbhaidh e agus fàsaidh i dorcha a-rithist mus tig solas an latha ceart. Sin a' cho-thràth.

Bha beachd ann gur ann air sgàth 's sgeulachdan mu bhòcain a bha daoine a' smaoineachadh gur ann feasgar a bha a' cho-thràth ann. Bhite, gu nàdarrach, ag innse sgeulachdan do chloinn agus gu leòr de na sgeulachdan sin 's ann mu bhòcain a bha iad. Am measg nam bòcan a bh' ann, bha Na Sìthichean, A' Chailleach Bhuisneachd, An t-Each-Uisge, Bodach na Mòintich, An Capall Ceithir-chasach agus A' Cho-thràth.

'S ann air an fheasgar a bhios na bòcain a' tighinn a-mach agus mar sin thoisich daoine a' smaoineachadh gur ann feasgar a bha a' cho-thràth ann.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.