Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Màrt 2009

Tuilleadh mu bhith a' dèanamh chlèibh

Cliabh

Iain: Nise, na breugan fhèin a Dhòmhnaill, na breugan fhèin. 'S e dìreach tuill a bha sin?

Dòmhnall: Well, carson a tha iad ann? 'S e ainm iongantach a th' orra.

Iain: 'S e, 's e, tuill square an ire mhath...

Dòmhnall: Tuill square. Bha thu a' lùbadh an dlùth a bh' agad a bharrachd air na h-asnaichean. Bha thu ga lùbadh da òirleach suas, a' fàgail beàrn dà òirleach eadar a' cheud chùrsa agus a' chòrr dhan a' chliabh. 'S e breugan a chante... carson tha breugan air chan eil càil a dh'fhios agam.

Iain: 'S carson a bha sin ann? Bha adhbharan sònraichte a bharrachd air gu robh e na phàtran, mar gum biodh?

Dòmhnall: O well, man a robh dòigh tomhais aca, man a robh e na shlat-tomhais aca airson rudeigin a bhiodh iad a' cur ann. Nam biodh iad a' cur rud trom ann gu na breugan, am biodh sin gu leòr no gu beul a' chliabh no dè bha e minigeadh, chan eil fhios agam.

Iain: Tha mi smaoineachadh cuideachd gur dòcha gu robh e na chuideachadh dha daoine airson togail a' chlèibh.

Dòmhnall: O bha, thogadh tu air duine sam bith e mar sin. Thogadh tu e nuair a bha thu leat fhèin. Shioftadh tu e.

Iain: Tha sin ceart. Agus sin far an robh an iris ceangailte?

Dòmhnall: Sin far an robh an iris. Bha an iris ... dhèanadh an aona iris a' chùis dha duine sam bith, mòr na beag. Ghabhadh i sioftadh, às na breugan 's a chuir a lùib rud a bha mach dhan an dlùth. Air beul a' chliabh.

Iain: Nise, a Dhòmhnaill, tha, nuair a thig thu gu beul a' chlèibh fhèin, bha rud eile a' tachairt a sin nach robh?

Dòmhnall: Bha, ach nach fheàrr dhuinn an tòin a chuir ann an toiseach?

Iain: Ceart ma tha... siuthad.

Dòmhnall: Bha thu, nuair a bha thu a' cur na h-asnaichean a lùib a chèile air gach taobh, bha an tè a b' fhaisg air an oir 's a bh' air a' chliathaich, well bha thu a' fighe a-null man an cur a bha thu cuir air.

Iain: Tarsainn as a' bhonn?

Dòmhnall: Tarsainn as a' bhonn 's bha thu fighe a-rithist pìos gus an tigeadh tu gu na dhà eile, na dhà a bh' as a' mheadhan...

'S bha thu ga fighe, an fheadhainn sin troimhe cuideachd, an aon rud air gach taobh. Ach chan fhaigheadh tu air a dhùnadh as a' bhonn as na...

Iain: As na cliathaichean?

Dòmhnall: As na cliathaichean. Bho dhùnadh tu na h-asnaichean cha robh dòigh air obrachadh ann a shin.

Iain: Cha robh, cha robh. Agus tha sin ag adhbharachadh gu ìre gu bheil, a thuilleadh air na breugan, gu bheil tuill as na cliathaichean.

Dòmhnall: Mar a can thu breugan beaga riutha?

Iain: Well, well, breugan beaga!

Dòmhnall: Tha feadhainn dhen t-seòrsa sin ann!

Iain: Tha, tha ... agus feadhainn mhòra! Nise, beul a' chlèibh?

Dòmhnall: Bha thu a' fighe a' chliabh an aon taobh ach nuair a bha thu ga thoirt às a' cheap 's iongantach man a robh e na do làmh agus nuair a bha thu a' tòiseachadh a' fighe beul a' chlèibh 's ann an taobh eile a bha thu dol. Bha thu an dèidh an cliabh a chuir bun-os-cionn...

Ach cha do shioft thu do làmh idir.

Iain: Tha mi tuigse sin. Nise, bheil an fhighe tha sin dùbailte, a Dhòmhnaill?

Dòmhnall: Tha, tha, tha. Tha thu a' fighe a' chur air fhèin mar a tha thu ga fhighe air an dlùth.

Iain: O tha mi faicinn an rud a th' agaibh. Tha sibh a' dol fon a' chur is an uairsin bhos a chionn a-rithist man a tha sibh a' fighe an dà dhual còmhladh...

Dòmhnall: An dà dhual comhladh.

Iain: 'S bha sin an uairsin a' dùnadh.

Dòmhnall: Bha, ga dhùnadh...

Bha e ga ghlasadh fhèin gus nach ruitheadh e mach as an dlùth.

Iain: Chan eil rian air nach robhas an uairsin a' gearradh mullach na...

Dòmhnall: O bha, bha. Bha thu triomaigeadh an uairsin 's bha thu ruith air na h-earbaill a dh'fhàg thu na bhroinn. Cha bhiodh tu ga fhàgail cho lom a sin idir nuair a bha thu tòiseachadh le dual ùr. Bha thu fàgail rud ach an greimicheadh e 's ghearradh tu dheth e an uairsin nam biodh cus agad air fhàgail. Bhiodh tu triomaigeadh an uairsin an dlùth cuideachd ann a shin...

Iain: Ar h-athair fhèin, bhiodh e dèanamh gu leòr dhen a seo?

Dòmhnall: Bhiodh. Fear na dhà a h-uile oidhche na ... chan eil fhios agamsa nam biodh latha uisge ann 's dòcha gun dèanadh e fear na dhà a bharrachd.

Iain: Cha mhòr gum b' urrainn dha duine chreids' a' coimhead a' chlèibh 's a' faicinn na th' ann gun dèanadh duine sin can ann a' feasgar na...

Dòmhnall: Uair a thìde, uair a thìde gu leth a' fear. Bhiodh daoine a' cèilidh 's e ag obair air a sin. Bha e gan dèanamh, bha e cleachdte gu leòr air.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.