Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 10 Màrt 2009

Seanfhacail is Abairtean

A' gearradh le gaoith

Feamainn

Tha seo a' dol air ais gu àm nuair a bhite a' gearradh na feamad. Bha an obair seo gu mòr an urra ris an tìde-mhara. Dh'fheumadh iad a dhol a-mach chun na sgeirean nuair a bhiodh an tràigh ann 's tòiseachadh a' gearradh cho luath 's a b' urrainn dhaibh. Ach nam biodh iad uabhasach mionaideach a thaobh dè seòrsa sìde a bh' ann 's nach robh a' ghaoth a' dol a dh'atharrachadh, dh'fhàgadh iad an fheamainn a bha iad air a ghearradh as a' chladach agus chuireadh a' ghaoth agus an làn a-steach i. Sin a bha "a' gearradh le gaoith" a' ciallachadh. Ach dh'fhaodadh e a dhol ceàrr. Nan atharraicheadh a' ghaoth, cha bhiodh càil agad airson do shaothair.

Agus nuair a bhiodh iad a' roinn na feamad, 's ann air a' chorran a bhiodh iad ga roinn. Nam biodh deich corrain ag obair, ged a bhiodh barrachd air aon duine as an aon dachaigh, bha a h-uile duine a bha a' gearradh a' faighinn roinn dhith.

Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, An t-Òban

Fhuair e car tron deathaich

Slabhraidh os cionn na teine

A rèir coltais bha e na chleachdadh nuair a bha leanaibh air a bhreith ann an dachaigh gum biodh a h-uile duine a bha am broinn an taighe ga chuir bho aon dhuine chun an duine eile aig an teine, agus gu nàdarrach 's ann deiseal a bhiodh iad a' dol. Le sin, anns an taigh-dhubh, bhiodh an leanabh a' dol tron cheò a bha falbh bhon teine. Bha seo a' dol a dhèanamh leanabh fortanach dheth.

'S nam biodh tu fhèin air a bhith fortanach ann an dòigh sam bith 's dòcha gun canadh cuideigin riut, "Fhuair thu car tron deathaich!"

Chan fhiach bròn a ghnàth 's chan fhiach ceòl a-mhàin

Bha seo a' ciallachadh nach robh duine ag iarraidh bròn a-mhàin no ceòl a-mhàin fad na tìde.

Cha dèan cridhe misgeach breug

Duine air a bheil beagan deoch tha e buailteach an fhìrinn innse dhut. In vino veritas, dha rìribh!

Chan eil saoidh gun a chomas

Chan eil e gu diofar dè cho treun agus a tha duine aig àm a choireigin tha e a' dol a thachairt ri cuideigin a tha cho treun no nas trèine na e fhèin.

Fuachd caraid agus fuachd anairt, cha do mhair iad fada a-riamh

Mas e d' fhìor charaid a th' ann an duine, ged a rachadh sibh rud beag ceàrr air a chèile, cha mhair fuachd no fuath eadaraibh fada. Ma chuireas tu ort ball-aodaich air a dhèanamh de dh' anairt, no ma thèid thu do leabaidh air a bheil siotaichean anairt, cha toir iad fada a' blàthachadh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.