Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Màrt 2009

Latha Màrtainn Builg

Là grianach
Latha Mhàrtainn Builg tioram
Sia seachdainean tioram
Latha Mhàrtainn Builg fliuch
Sia seachdainean de thuil.

Tha Latha Mhàrtainn Builg, St Swithin's Day, am meadhan an t-samhraidh. A rèir Mòr NicLeòid à Brù, Leòdhas, tha an t-ainm a' dol air ais gu "Latha Mhàrtainn a dh'fhuiling."

A rèir an eachdraidh aig Mòr, bhathas a' dol a chuir às do Mhàrtainn Builg, no do St Swithin, air sgàth rud a bha e air a dhèanamh. Bha e fhèin a' dol às àicheadh agus mas deach cuir às dha, thuirt e, "Well, chì sibh nach robh mi air mo choireachadh airson seo 's gur e an fhìrinn a bha mi ag innse agus mas e, an latha thèid mo chrochadh, ma bhios latha tioram ann, bidh an ath shia sheachdainean tioram. 'S ma bhios latha fliuch ann air an latha sin, bidh an ath shia sheachdainean fliuch.

'S ann à sin a thàinig an rann.

Latha Fhionnlaigh Mhòir

Seo a bha aig muinntir a' Chnuic Àird ann an Nis, Leòdhas air Latha Mhàrtainn Builg, air ainmeachadh air bodach a bh' anns a' bhaile.

A' cho-thràth

A rèir Torcaill MacRath à Griomsiadar, Leòdhas, chante seo ris an àm nuair a thigeadh ciaradh an fheasgair, ach cuideachd ris an àm a thòisicheadh boillsgeadh beag de sholas a' nochdadh anns a' mhadainn. Cha chleachdadh Fionnlagh MacLeòid e ach airson an àm eadar-dhà-sholas feasgar. Bha facail eile ann mar camhanaich agus gormanaich an latha.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.