Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Màrt 2009

Balla agus Gàrradh

Clachaireachd

Tha Fionnlagh MacLeòid còmhla ri Iain MacIlleathain agus Flòraidh NicIlleathainn 's iad a' beachdachadh air an diofar eadar balla agus gàrradh.

Fionnlagh: Tha beagan faireachdainn eadar-dhealaichte aca. Tha balla, faodaidh tu ràdh, a' dol a dh'àite sam bith. Faodaidh e bhith na loidhne glè mhòr 's mar sin. Chan eil e a' toirt faireachdainn sam bith gu bheil e a' dùnadh a-steach ach tha gàrraidhean ann a' seadh a' dùnadh a-steach. Faodaidh e bhith na ghàrradh beag airson leasan no na ghàrradh airson timcheall air lot na càil mar sin. Sin an seòrsa faireachdainn a tha aig an dà fhacal dhòmhsa.

Iain: Fhlòraidh?

Flòraidh: Well, dhòmhsa tha balla, sin agad a' chlachaireachd. Can, ma tha thu a' bruidhinn air gàrradh, tha balla air a' ghàrradh, ma thuigeas tu mi, agus sin mar a bha sinn a' bruidhinn air a' chlachaireachd. Ach tha an gàrradh fhèin dhòmhsa, sin an talamh taobh a-staigh nam ballachan sin na an fheansa na bith dè rud a th' agad.

Iain: Tha mi tuigse. Tha e dìreach mar am facal Beurla.

Flòraidh: Sin e. 'S e.

Iain: Well, nach innis mi nise dhuibh rud beag na dhà. Well, aon duine a' cantainn rium gu robh esan a' faicinn balla glè mhòr mar tobhta. Agus as a' chumantas gu robh e faicinn gum biodh dà bhalla na dà ghàrradh dìreach mar a chì thu balla a-staigh agus balla a-muigh ann an taigh, 's am balla a-staigh gu ìre air a shnaidheadh. Tha, 's dòcha, fiù ann am balla gu faigheadh tu aol na rudeigin a' ceangal nan clachan ri chèile.

A dh'aindeoin sin, bha an aon duine a' cantainn rium, "O well, aig an aon àm bhiodh na clachan air an snaidhm agus 's e an dòigh as am biodh iad a' snaidhm nan clachan," 's thug e dhomh dìreach ann an dà loidhne e - "Clach air muin a dhà, 'S a dhà air muin cloiche." 'S ma smaoinicheas tu air tha sin dìreach a' dèanamh dealbh mar a thathas a' togail ma 's e balla na gàrradh a th'ann.

Bha aon dhuine eile a' cantainn rium, "Chì thu rud ris an can mise gàrradh, cumanta ann an àite mar baile Àrnol" air a bheil thu fhèin glè eòlach, Fhionnlaigh, "togalach rudeigin tana 's chì thu solas an latha troimhe."

Fionnlagh: Chì gu dearbha.

Iain: Agus chan eil e air a chlachaireachd ach dìreach le clachan cruinne.

Fionnlagh: Uachdar na talmhainn.

Iain: Sin e. Na clachan a bha iad a' toirt às na feannagan 's mar sin air adhart agus bha an duine a bha sin a' dèanamh dheth gu robh na gàrraidhean sin a' seasamh cho math, gur e an t-adhbhar a bha iad a' seasamh cho math, dìreach mar a bha a' ghaoth a' faighinn tromhpa 's mar sin.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.