Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 24 Gearran 2009

Seanfhacail is Abairtean

Falt fliuch

Tha e na stìoparan!

Nam biodh duine a-muigh air latha fliuch 's e gun bhonaid no ad no càil air, agus bhiodh a' falt aige bog, fliuch, 's docha sìos na shùilean, chanadh tu gu robh an duine na stìoparan.

Chanadh tu seo cuideachd a rèir coltais nam biodh cearc a-muigh air latha fliuch 's gun i a' coimhead ro eireachdail!

Na reic a' chearc air an latha fhliuch

Cha b' fhiach feuchainn ri cearc a reic air latha fliuch chionns gum biodh i a' coimhead cho stiorach.

Sùil na faochaig

Seo a chante ann am Bragar agus ann a' Siabost, Leòdhas airson sgiath, no lann, no bonaid na faochaig, an rud beag dubh a chithear ann am beul na faochaig.

Bho Mhina Nic a' Ghobhainn, Bragar, Leòdhas agus Glaschu

Deilg / dealg / dealgan / cadal-deilgeanach

'S e deilg a chanas muinntir Mhuile ri bioran-fighe. Airson fighe feumaidh tu paidhir dheilg agus ma tha toll na do gheansaidh feumaidh tu dealg no snàthad-dàirnigidh airson a chàradh.

Bho Ruaraidh MacNèill, Muile

Agus 's e dealgan a chante ris an uidheam a bhiodh aca airson toinneamh a chuir ann an snàth. Agus ma tha an cadal-deilgeanach ort, anns a' Bheurla tha pins and needles ort!

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.