Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 24 Gearran 2009

Iasgach a' lìn-mhòir

An t-Urramach Dòmhnall MacAmhlaigh

An t-Urramach Dòmhnall MacAmhlaigh à Beàrnaraigh, Leòdhais a' bruidhinn ri Iain MacIlleathain mu iasgach a' lìn-mhòir.

Dòmhnall: Thug iad ùine mhòr ag iasgach na langain gun d'thàinig an tràlair, tràlair na smùid, a' steam trawler. 'S i chuir stad air a' sin an toiseach. Bha an t-iasg pailt a-muigh a sin an uairsin, 's bhiodh iad a' tiormachadh an èisg ann an Càrlabhagh. Bhiodh iad a' tiormachadh an èisg ann am Beàrnaraigh 's ann an Ùig 's a h-uile àite sìos taobh siar nan eilean ann a' seo. Agus air an taobh sear cuideachd, tha mi creidsinn.

Bhiodh iad a' dol a-mach an iar air na h-eileanan 's a-mach gu Hiort agus dhan a h-uile àite a bh' ann a sin. Agus bhiodh iad a' toirt a-steach na langanan 's gan tiormachadh 's gan creic. Bhiodh iad a' faighinn tasdan air an langa. Ach dh'fheumadh i bhith trì troighean a dh'fhad.

Agus tha cuimhne agamsa air bodach a bh' as a' bhaile againn fhìn, Murchadh Dòmhnallach, a bha ag innse dhomh, nuair a bha e fhèin òg 's a bhiodh e dol a-mach ann a shin le na lìn, gum biodh dùil aca, man a bhiodh iad a' cur nan lìn am beul na h-oidhche 's gan togail as a' mhadainn, gum biodh dùil aca ri rud sam bith bho shia ceud gu mìle langa as a' mhadainn.

Iain: O bhròinein.

Dòmhnall: Nise, bha sin a' dol bliadhnachan mòra gun d'thàinig tràlair mhòr na smùid, a' steam trawler. Ach eagallach goirid an dèidh sin, chaidh stad a chuir air a h-uile càil a bh' ann, eil fhios agad. Mhill iad an grunnd iasgaich le bhith ga sgrìobadh.

Ann an co-cheangal ri sin, goirid ron a sin, bhiodh iad a' dol... bha mi bruidhinn air mar a bha Calum Sgàire as an amhran ag innse mar a bha an t-soitheach air a robh e a' dol a Lochlainn fo sheòl 's a Shasainn 's at ri gualainn an fhasgaidh. Well na bàtaichean sin a bha a' dol a Lochlainn, 's ann a' dol le iasg ann a bhiodh iad. Agus bha tobraichean annta. Bheireadh iad leotha mìle langa as na tobraichean sin.

Iain: Seadh...

Dòmhnall: ...na mìle trosg. Bhiodh iad a' dol leotha a Lochlainn agus bhiodh iad a' dol leotha gu tìr mhòr na h-Eòrpa ann an iomadach àite. 'S ann air tè dha na bàtaichean sin a bhiodh Calum Sgaire, nuair a bha e ann a' Lochlainn. Agus lean sin polla math. Agus nuair a thòisich iad air na bàtaichean sin an toiseach, bhiodh iad a' dol a Lunnainn cuideachd le na bàtaichean sin, le tobraichean annta. Bhiodh iad a' dol às na h-eileanan seo a Lunnainn, as an t-seann aimsir, le bàtaichean, le tobraichean làn de langanan agus de thruisg.

Iain: Abair slighe.

Dòmhnall: Abair slighe ach bha 'd ga dhèanamh. 'S bha 'd a' cantainn gur ann à Liverpool a thàinig a' chiad mhaighstirean-luingeis a bh' ann a seo a dh'ionnsaich navigation dha na balaich sin airson gum biodh iad fhèin ga dhèanamh. Gun d'thug iad caiptean à Liverpool ann a seo airson sin.

Iain: Seadh gu dearbha.

Dòmhnall: An òigridh ionnsachadh air a bhith dol a Lunnainn 's gu ceann a deas Shasainn 's dhan A' Fhraing 's a Lochlainn le bàtaichean an èisg. Bhiodh iad a-nise, bha facal eile aca ann an co-cheangal ris a sin, a' beartachadh nan lìn, dol chun iar, beartachadh, dèanamh deiseil na lìn. Tha mi smaoineachadh gur e am Bàrd Barrach a b'fheàrr a chuir e, as an rann Fàgail Bharraigh... mar a bha e ag ràdh:

An àm an t-samhraidh, b' e mo mhiann
Bhith cuir mo lìon air dòigh
Gam beartachadh a' dol gun iar
A dh' iasgach airson lòn.
An àm an fheasgair bhith dol sìos
'S gan cur le pìos dhen t-seòl,
'S a' mhadainn mhoch nuair dh'èireadh grian
Gu dìon gan toirt air bòrd.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.