Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 24 Gearran 2009

Dòigh air glainne a ghearradh

Uinneag

Dh'fheumadh na seann daoine solas a bhith aca nuair a bhiodh iad a' dol a-mach a thoirt biadh do chrodh no caoraich no do bheathaichean eile agus cha robh feum sam bith ann an coinneal no lampa-siofaig no leithid oir chuireadh a' ghaoth às iad. Bhiodh iad a' dèanamh na lanntairean aca fhèin agus bhiodh iad gan dèanamh mar gum biodh air cumadh taighe ach ann an dà chliathaich dhiubh (no fiùs ceithir taobhan air an fheadhainn bu spaideil dhiubh) dh'fheumadh glainne a bhith ach an tigeadh an solas a-mach agus gu faiceadh duine càite robh e a' dol.

Airson a' ghlainne a ghearradh, bhiodh iad a' cur bior dhan teine 's ga dhèanamh dearg theth agus bhiodh iad an uairsin a' faighinn snàilean a bhiodh grinn agus ga chuir ann am bùrn fuar. 'S dòcha gur e pìos de sheann uinneag às am biodh iad a' gearradh pìos glainne agus bhiodh iad a' cur an t-snailein fhliuich a bha seo dìreach far an robh iad ag iarraidh an uinneag no am pìos glainne a ghearradh 's ga fhàgail ann greiseag ach am biodh sin a' fuarachadh na glainne. Bha 'd an uairsin ga thogail dheth 's an uairsin a' cur a' bhior dhearg a bha seo anns an àite far an robh an t-snàilean air a bhith. Leis an teas an uairsin a' dol air an fhuachd, bha an dà phìos glainne dìreach a' leum bho chèile. Ghearradh iad na ceithir taobhan 's bhiodh glainne shnog aca a chuireadh iad dhan lanntair.

Bho Sheòras MacLeòid, Dail Mòr, Leòdhas

Sìde

Cèabharanach de ghaoth / seòl seanchas

Nuair a bhiodh iasgairean a' tilleadh le bàta làn langa no trosg, bhiodh iad a' toirt seòl dhaibh, na h-uimhir de sheòl, ach dh'fheumadh iad a bhith faiceallach nach biodh an seòl a' sracadh.

Nam faigheadh iad cèabharanach math de ghaoth, chanadh iad gum biodh seòl seanchas aca, a' ciallachadh gu faodadh iad beagan còmhradh is seanchas a dhèanamh air an t-slighe dhachaigh, gun eagal a bhith orra gu robh an seòl a' dol a shracadh no an crann a' dol a bhriseadh.

Polcan-fainge

Faing

Bha latha na fainge na latha mòr gu h-àraidh airson nan nigheanan, chionns sin far am biodh cothrom aca tachairt air na balaich 's iad cruinn, cothrom, còmhla ag obair ann. Mar sin dh'fheumadh iad a bhith air an deagh ghabhail aca, a thaobh aodach 's mar sin.

'S bhiodh iad a' dèanamh polcan dhaibh fhèin, blouse mar a chanar 's a' Bheurla. 'S e am polcan-fainge am fear a b'fheàrr a bhiodh aca. 'S dòcha gun canadh màthair no peathraichean nan nigheanan a bha sin aig àm sam bith a bha deagh aodach oirre "An e sin do polcan-fainge?" a' ciallachadh "An e sin an rud as fheàrr a th' agad?"

Bho Chriosaidh NicRisnidh, Glaschu

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.