Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Gearran 2009

Seanfhacail is Abairtean

Faochag

Cho dubh ri sgiath na faochaig

B' e sgiath na faochaig a chanadh cuid ri lann no bonaid na faochaig, an rud beag dubh a th' ann am beul na faochaig agus tha an samhla seo ri lorg ann an leabhar Mhgr Ailein (Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay, deasaichte le Iain Latharna Caimbeul, Baile Ath Cliath 1958)

Agus chante, Beathaichidh an fhaochag duine gus am fàs e cho dubh ri sgèith fhèin.

Bho Iain MacIlleChiar, Inbhirnis

An rud a chuir Scotaidh air sgeir!

Bha fear Tholastaidh a' Chaolais ag ràdh gu robh fear ann am Beàrnaraigh air an robh Scotaidh. B' e duine a bh' ann a bha fìor eòlach air eathraichean agus man chladach. Ach tha e coltach aon uair gun do chuir e an t-eathar air na creagan. Agus chaidh a ràdh ris, "Dè idir a thug ort sin a dhèanamh?"

Agus 's e am freagairt a thug e, "meud an eòlais," a' ciallachadh gu robh cus misneachd aige.

'S an uairsin, can, nan cuireadh cuideigin càr dhan dìg no, can, nam biodh deagh shaor a-staigh agad agus gun gearradh e maide ro ghoirid 's gu faighnicheadh tu dha "Dè idir a thug ort sin a dhèanamh 's na tha de dh'eòlas agad?" 'S e freagairt a gheibheadh tu - "An rud a chuir Scotaidh air sgeir!"

Giomach pìobaire / giomach-ciùil

'S e an giomach Spàinneach tric a chante ri crayfish ach, ann am Muile, chante giomach-pìobaire no giomach-ciùil ris. Bha seo a chionns gu bheil dà adharc glè fhada air, agus, nuair a thèid am fàsgadh, bidh iad a' dìosgan mar brògan ùra.

Bho Ruaraidh MacNèill, Muile

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.