Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Gearran 2009

Sìde

Èirigh na grèine

Reothadh gealach na maidne

Thig reothadh tric gu leòr aig cuid de dh' amannan dhan bliadhna gu math, math sgiobalta, gu h-àraid leis a' chairteal mu dheireadh dhan ghealaich, agus airson sin 's e reothadh gealach na maidne a chante ris. Agus bhiodh e a' dèanamh dragh do dhaoine an còmhnaidh nan tachradh sin agus gun tigeadh a' ghrian a-mach as dèidh sin air eagal 's gun tòisicheadh gaiseadh a' tighinn dhan bhuntàta.

Ma tha reothadh air duilleagan sam bith, no air barran a' bhuntàta, crìonaidh iad gu h-àraidh nuair a thèid an reothadh na uisge 's tha a' ghrian a' deàlradh tron uisge, oir tha e ag obair mar ghlainne-meudachaidh agus tha na barran no na duilleagan a' crìonadh fodha.

Bha e na chleachdadh cumanta gu leòr air a' Ghàidhealtachd uaireigin, na faiceadh iad reothadh a' tighinn deireadh na maidne, dìreach mas èireadh a' ghrian, bhiodh dithis a' dol a-mach le ròpa sìomain, duine aig gach taobh dhan fheannag agus iad a' coiseachd sìos ri taobh na feannaig, gach duine aca, agus a' slaodadh an ròpa a bha seo air uachdar nam barran buntàta airson an t-uisge a chaitheamh dhiubh.

Agus bha fear à Baile Chaolais ag innse gum b'aithne dha-san duine a bhiodh a' dèanamh seo leis fhèin, le poca canabhais. Bhiodh e a' coiseachd eadar na sreathan 's a' bualadh nam barran ach a falbhadh an t-uisge dhiubh. Dhèante rud sam bith airson am buntàta a shàbhaladh.

Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, An t-Òban

Rann mun t-Sìde

Thuirt an Gearran ris an Fhaoilleach
Càite an do dh'fhàg thu an gamhain bochd?
Dh'fhàg mise na shìneadh e
'S a shùil ris an t-sop.
Thuirt a' mìos Màigh an uairsin
Ma bheireas mis' air
An anail am bàrr na cluais aige
Bheir mi air ais e.

Bho Mhòrag NicNèill, Barraigh

Am facal frioghan

Bha am facal seo air a chleachdadh tric can ma bha rathad sleamhainn le deigh agus gun tigeadh an uairsin fras chlachan-meallain. Chante gun do chuir e friodhan air an rathad agus cha bhiodh e cho sleamhainn 's a bha e.

Bho fhear à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.