Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Gearran 2009

Lampaichean

Crùiseag agus Siobhaig

Nuair a chaidh Iain a chèilidh air Seòras MacLeòid na dhachaigh an Dail Mòr, Leòdhas, bha lampaichean dhen h-uile seòrsa aca air am beulaibh. Thòisich iad le bhith bruidhinn air crùisgean.

Seòras: Chan fhaca mise gin aca ag obair a-riamh. Bha 'd fèir air a dhol a-mach à bith as a h-uile àite ach shuas as a' bhaile agaibh fhèin.

Crùisgean beag loireach
'S e crochte air sìoman
'S maragan riabhach
A' goil ann am pràis!

Iain: Sin am bail' againne. (Cirbhig)

Seòras: 'S e, sin a-nis far an robh an crùisgean mu dheireadh.

Iain: Dè seòrsa ola a bh' ac' ann, a Sheòrais?

Seòras: Well, bhiodh caochladh sheòrsan ac' ann. Tha mi creids' tè air am faigheadh iad greim. Bhiodh òl' èisg ac' ach bha 'd a' dol ac' leis a' pharaffin.

Iain: Agus 's e dìreach, bhathas a' lìonadh an t-soithich a bha seo?

Seòras: Bha. Bha 'd a' lìonadh a' soitheach ìosal a bha sin, mar a thuigeas mise, agus an t-siobhag a' tighinn tron an fhear eile agus a-mach ann a sheo.

Iain: Well, 's e solas beag, suarach a bha sin.

Seòras: O, 's e solas gun seagh a bh' ann. 'S e b'fheàrr na ... bhithist ga chuir às fhad 's a bhiodh solas, fhad 's a bhiodh an teine a' gabhail. Bhiodh, gus an dèanadh e greiseag na b'fhaide.

Iain: Dìreach ga chaomhnadh.

Seòras: Seadh.

Iain: Às dèidh sin, an e lampa a' cheàird a thàinig?

Seòras: O cha b' e. Bha lampa a' cheàird ann co-dhiù cho fad 's is aithne dhòmhs'. Saoilidh mi gu robh i ... bha i fhèin agus an tè balla a bha seo leis a' phlate tiona air a cùl. Chunnaic mise na dhà còmhla ach cha b' urrainn mi ràdh cò thàinig an toiseach. 'S iongantach mar e lampa a' cheàird.

Iain: Nach dèan sibh dealbh dhomh air lampa a' cheàird.

Seòras: Well, 's e an dealbh a b'fheàrr, shaoilinn-sa, mar gum biodh seòrs' de phillar a bhiodh agad air a chuir air a bheul fodha. Bonn leathann air dhòigh 's gu suidheadh i eagallach bonnacharach agus tighinn gu gob biorach rudeigin agus funnel às a sin suas. Bha seòrs de mhullach beag cruinn oirr', grinn aig a' chèard air a chuir oirr' air dhòigh 's man a' funnel a bha seo, air dhòigh 's gu laigheadh e air mullach an còrr dhith. 'S sin a rud a bha thu a' togail nuair a bha thu cuir paraffin innte, ga leasachadh.

Iain: Dè seòrsa siobhag a bh' innte?

Seòras: O, chan fhaca mi càil sònraichte riamh ach bìdeag de chlobhd freagarrach, seann chlobhd freagarrach, air a chuir cruaidh le caran a chuir ann 's fhaighinn suas tron a' funnel a bha seo. Sin man a bha. 'S ann.

Iain: Chuala mi ann an àitichean gum biodh iad uaireannan a' cur luachair thioram annta.

Seòras: Well, chan fhaca mise idir e ach tha mi làn chreids' gum biodh e eagallach freagarrach bhoil seall thusa broinn an gaisinn luachair ... tha e bog 's làn ... tha e còsach 's gheibh an àidhear 's am paraffin 's a h-uile càil... bhiodh e uabhasach math, shaoilinn.

Iain: Dh' òladh e...

Seòras: Dh' òladh.

Iain: Tha tè spaideil againn a seo a nise ... cha mhòr nach ann glainne a tha i gu lèir.

Seòras: O tha.

Iain: Seo lampa-siobhaig?

Seòras: 'S e, aon siobhag. Bha nise feadhainn ann le dà shiobhag, double-burner mar gun canadh tu. Well, bha a dhà neart innte, a dhà uiread de sholas innte. Thòisich a sin feadhainn aca cruinn, siobhag chruinn, burner cruinn. Agus bha barrachd siobhag agus barrachd solas às iad sin a-rithist. Mar bu mhotha a bhiodh ann de shiobhag 's ann bu mhotha bhiodh ann de sholas, gu nàdarrach.

Iain: Agus 's ann bu mhotha bha thu caitheamh...

Seòras: 'S ann bu mhotha bha thu caitheamh dhan a' pharaffin. 'S ann.

Iain: Siud i nise agaibh. Tha mi air a cuir thuige 's tha sinn an ìre mhath as an dorchadas. Nise, chan fhaod mi a' lasair tha seo a chuir an aìrde idir, a faod?

Seòras: Well, cha bhiodh iad ga chuir an aìrde cho luath gum blàthaicheadh an glob. Cuir beagan is beagan e an àrd.

Iain: Faod mi chuir suas beagan eile?

Seòras: Faodaidh beagan eile, mar gum biodh. Agus bhiodh iad a' leigeil leis na h-uiread gum blàthaicheadh an glob. Chunna mi uair is uair, nan cuireadh tu an teas ro chlever air, bha an glob a' briseadh.

Iain: Dol bho bhith fuar gu bhith ro theth, ro chabhagach.

Seòras: Sin e. Tha.

Iain: Ah Well, tha sin math a-nis. Tha i a' cur a-mach...

Seòras: Agus mar a robh paraffin gu leòr a-staigh, 's e rudeigin anmoch, chanadh iad "O cuir sìos an lampa, no cuir às i, ach am bi ann na ghabhas An Leabhar. Gum biodh de pharaffin againn na ghabhas An Leabhar." Tha cuimhne agam air a sin glè mhath.

Iain: Bha sin a' cunntadh.

Seòras: Bha, bha siud a' cunntadh. Dh'fheumaist An Leabhar a ghabhail co-dhiù 's fàgail dhan an ola 's na ghabhadh iad An Leabhar.

Iain: Nise, cuin a chaidh iad seo gu ìre a-mach à cleachdadh?

Seòras: Ah Well, 's e beagan bhliadhnaichean ron a' chogadh cho fad 's a chuimhnicheas mis. Bho dh'fhalbh mise aon dà bhliadhna ron a' chogadh, 's cha do thill mi ... 's e an Tilley a bh' ac'.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.