Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Gearran 2009

Euslaintean is Ìocshlaintean

Bàirnich

Gàgan

'S e gàgan na gearraidhean beaga a bhiodh a' tighinn air làmhan dhaoine gu h-àraid nuair a bhiodh iad ag obair a-muigh ann am fuachd. A rèir coltais bhiodh iad uaireannan gan nighe ann an sàl a bha air a bhlàthachadh.

Cuideachd nuair a bhiodh iad a' bruich nam bàirneach bhiodh iad a' togail dheth an cop 's an gaorr a bhios a' tighinn air uachdar a' bhùirn agus a' suathadh sin ri na gàgan. A rèir coltais bha seo a' toirt cobhair agus faochadh dhaibh.

Drùchdain

'S e drùchdain na gearraidhean beaga a bhiodh a' tighinn fo òrdagan nan casan nuair a bhiodh daoine a' falbh cas-rùisgte mar bu trice. Nuair a chitheadh tu iad bhiodh iad uaireannan mar gum biodh an craiceann air briseadh agus bhiodh drùis de bhùrn a' tighinn asta. Bhiodh iad bog mar gum biodh leigeadh annta.

Bha e cumanta clobhd no anart a chuir timcheall orra ach am broinn a' chlobhd bhiodh clòimh chaorach.

Agus 's e an dèanamh a bha aca fhèin air a sin gu robh an ola a bha anns a' chlòimh a' toirt cobhair agus faochadh dhan ghoirteas. A rèir coltais bha na drùchdain gu math gort.

Meallan-crìona

Ann an sgìre Uige Leòdhais bhite a' cur anairt timcheall air far am biodh na meallan-crìona agus bìth no teàrr am broinn an anairt. Ach cha bhite a' cur an teàrr air a' chraiceann idir. Bhiodh sùgh na tearra a' dol tron anart gus am biodh na h-uibhir dheth a' dol air na meallan-criona no air broth sam bith dhen t-seòrsa.

Bha an t-Uigeach a dh'innis seo ag ràdh gu robh e sònraichte math air pìos dhe do chorp mar do chas, sìos bho do ghlùin, far a bheil an cnàimh a' tighinn faisg air an uachdair, is far nach eil tòrr feòil no eile fon chraiceann, no mar a chuir an t-Uigeach e - "air faobhar na luirge."

Fiacail ùr airson fiacail chnàmh

Nuair a bhiodh pàistean a' call am fiaclan, ann an cuid a dh'àiteachan bhiodh na fiaclan sin air an cuir dhan ghàrradh. Chan fhaodadh duine d'fhaicinn fhad 's a bha thu ga dhèanamh agus bha rann beag agad ri ràdh nuair a bha thu a' cur an fhiacail a-measg nan clachan.

A luchagag 's a lachagag
As a' ghàrradh seo ri tàmh
Thoir thusa dhòmhsa fiacail ùr
'S bheir mise dhutsa fiacail chnàmh.

Bhathas a' creidsinn nan dèanadh tu seo nach tigeadh an dèideadh dhan fhiacail ùr gu bràth.

Bho Chriosaidh NicRisnidh à Glaschu

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.