Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Gearran 2009

Crostachd

Basgaid baidhsagail

Fionnlagh: Tha feagal orm gu robh beagan crostachd ann cuideachd. Bha bùth as a' bhaile againne air an robh bùth Saidhm, agus bha doras mòr garaids aige. Well, bhite a' toirt slacadaich air an doras sin le na clachan 's cha b' ann airson milleadh càil ach gu faicte Saidhm, 's gun cluinnte Saidhm, a' tighinn. 'S bhiodh càraichean annasach aige - 's bhiodh e dèanamh às ar dèidh. 'S chan iarradh tu càil ach sin. Thàinig e mach aon uair, tha mi duilich a ràdh, le gunna agus leig e urchair air balaich. Agus bha aon fhear 's bha fras às an iosgaid aige.

Flòraidh: Seadh?

Fionnlagh: Well, bhathas ga shàrachadh gu-tà.

Iain: Bha ach 's e rud, cha robhas a' dol gu dorsan dhaoine no gu similearan dhaoine ach na daoine a thigeadh às do dhèidh.

Fionnlagh: O 's e. 'S Well, bha an duine ud, bha e cho frionasach 's tric cho ainmeineach agus gum biodh e às ar dèidh tro na lotaichean. Bha feagal ar beatha again roimhe ach 's ann thuige a thilleadh sinn an dèidh sin. 'S cha robh sinn a' minigeadh dochann no càil mì-chàilear ach dìreach plòidh. Ach bha e gu math mi-chàilear dhàsan – bugairean bhalaich a' tighinn a dh'fheuchainn air doras mar siud.

'S chitheadh tu 'n uairsin an càr 's bhiodh e faighinn càraichean à Glaschu. Fhuair e bike aon uair agus 's iongantach man a th' ann aig balach-bèicear a bha e bhon bha rud air beulaibh a' bhike - 's iongantach man a th' ann airson lofaichean. Well, Thighearna, nuair a chitheadh tu Saidhm air an oidhche muigh le sin, a' feuchainn ri breith ort! Ach chuir e fras aon oidhche.

Flòraidh: Tha mi smaoineachadh gu robh daoine mar sin air an comharrachadh a-mach aig cloinn ann an diofar bhailtean co-dhiù nach robh? Tha cuimhn agam fhìn nuair a bha sinn uabhasach fhèin òg, bhiodh sinn a' dol a dh'aona ghnothach a thaighean dhaoine a ghàireachdaich! 'S gun fios carson, ach bha fhios againn gu robh na daoine bha sin, nach robh iad airson sibh a bhith a' gàireachdaich as na taighean aca idir.

'S cha robh againn ach dìreach suidhe sìos agus coimhead air a chèile, 's thòisicheadh sinn. Agus cha bhiodh sinn fada gu math tric gus a' faigheadh sinn an "gabh a-mach!"

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.