Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Gearran 2009

Sìde

Uisge

Latha brusgach

Latha rudeigin fionnar, fuar, agus latha nach bu chaomh leat a bhith a-muigh cus. Ach nan tachradh tu ri duine brusgach bhiodh tu smaoineachadh nach robh e càil ach air èirigh, no air dùsgadh. Duine a bha prabach 's dòcha.

Latha monognaidh

Latha fuar, frasach, grànda le measgachadh de dhroch shìde.

Latha fuaraidh

Coltach ri àite fuaraidh, cha mhòr nach fhaireadh tu gu robh na h-uibhir de fhliuchadh anns an àidhear.

Latha aognaidh

Latha glè fhuar 's faodaidh taigh a bhith aog le fuaraidheachd.

Fiosrachadh a Sgìre Ùig, Leòdhas

Sgeulachd à Colla

A rèir coltais bha balla, no gàrradh, no tobhta air tuiteam 's a-mach à broinn a' ghàrraidh thuit dìreach sgaoth de chlacharain agus iad fuar, reòite, dìreach mar gum biodh iad marbh. Co-dhiù bha clann na sgoile a' faicinn nan eòin a bha seo 's bha 'd gan toirt dhachaigh dha na taighean 's gam blàthachadh. 'S bha feadhainn aca a' tighinn beò agus an uairsin gu nàdarrach ag iarraidh a-mach 's a' feuchainn ri sgèith. Ach air sgàth 's gur e an geamhradh a bh'ann, le sneachd, bha 'd a' tuiteam marbh le fuachd a' gheamhraidh.

Am facal tungaidh

Nan cuireadh tu steach feur dhan t-sabhal 's gun e buileach tioram, nuair a dheidheadh tu an uairsin, 's dòcha an ceann deireadh tìde, a thogail an fheòir a bha sin airson a thoirt dha beathaichean, bhiodh seòrsa de cheò a' falbh dheth, agus 's e feur a tha tungaidh a chante ris. A rèir coltais gheibhte galair, seòrsa de chuing, bhon a' cheò a bha seo a' dol air do sgamhanan. 'S e Farmers Lung a' Bheurla a bha air.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.