Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Faoilleach 2009

Euslaintean is Ìocshlaintean

An dèideadh

Rùsg orainsear

Tha e coltach ma chuireas tu rùsgan orainsear anns an àbhainn, can, gus an tiormaich iad agus gun cuir thu iad ann an stocainn, agus an uairsin ga chuir air do bhus.

Fios à Barraigh

An dèideadh a-rithist

Nuair a dh'fhalbhadh a' chiad fhiaclan a bhiodh leanabh a' faighinn 's a thòisicheadh iad a' fàs flagach 's nuair a dh'fhalbhadh iad nam b' urrainn dhut na fiaclan a bha sin a chuir fo chloich no ann an gàrradh na àite sam bith anns nach deidheadh dragh orra, bhiodh iad a-riamh ag ràdh nach tigeadh an dèideadh gu bràth anns an fhiacail a dh'fhàsadh an àite na tè sin.

Agus air sgàth sin bhiodh daoine gan cuir ann am balla taigh dubh, a-steach dhan a' ghlutaran a tha eadar nan clachan a tha eadar an dà bhalla. Bhiodh iad a' cumail a-mach nach deidheadh na taighean a leagail co-dhiù 's le sin cha deidheadh dragh a chuir air an fhiacail gu bràth.

Smùran anns an t-sùil

Canaidh cuid frasg agus cuid eile rosg no fabhra ri eyelash . 'S e farbhail(eag) an craiceann a tha os cionn na sùla 's a tha tighinn a-nuas nuair a dhùineas tu do shùil 's tu dol a chadal.

Na rachadh rudeigin mar smùran beag nad shùil, dè na diofar dhòighean air cobhair fhaighinn?

  • Bha Peigi Mhoireach às a' Ghearraidh Ghuirm, Leòdhas ag innse mar a bhiodh a seanmhair a' draghadh na frasgan sìos gus an deidheadh iad seachad air na frasgan ìseal, agus an uairsin dh'fheumadh tu deagh shèideadh a thoirt air do shròin agus dh'fhalbhadh an rud. Bha luchd-èisteachd à Barraigh is à Sgalpaigh cuideachd ag innse seo.
  • Bha Iain MacGriogair à Càrlabhagh, Leòdhas ag ràdh gu robh teanga chuideigin eile air a chur dhan t-sùil, èifeachdach. Bha Flòraidh rudeigin sgàigeach mu seo!
  • Nam biodh, can, smùr a' dol dhan t-sùil 's tu ag obair air mòine 's tu an uairsin a' suathadh an t-sùil 's i a' fàs dearg is gort, bhiodh seanmhair Iain MhicIlleathain ag ràdh "Trobhad an a sheo" agus i a' slaodadh do fhrasgan bho chèile 's a' cuir a teanga a-steach dhan t-sùil. Cha toireadh i mionaid gus an glanadh i às rud sam bith a bh' anns an t-sùil.
  • Ann an Uibhist a Tuath 's e bior-fuilt a bhiodh aca, an seòrsa a bhiodh a' cumail ciudha na àite fhèin, can, 's bhiodh an ceann dùinte aige, bhiodh sin air a chuir fo na ruisg agus bhiodh iad a' tionndadh na sùla gus am faiceadh tu dè a bh' ann. Chanadh tu gu robh sin cunnartach! An uairsin chleachdadh iad an teanga.
  • Bha Iain MacGriogair à Càrlabhagh cuideachd ag ràdh gum biodh iad a' toirt air daoine sìneadh sìos 's an uairsin a' cleachdadh uisge air an t-sùil, ga nighe a-mach, mar eyebath a cheannaicheadh tu sa bhùth. Ach an teanga a b'fheàrr!

Seanfhacail is Abairtean

Mìosachan

Tha dà latha dhan Iuchair anns an Fhaoilleach agus dà latha dhan Fhaoilleach anns an Iuchair

Sgrìobh Eachann Ruadh Mac a' Ghobhainn, Liùrbost, Leòdhas is Dun Èideann "Tha mi cinnteach gun cuala a h-uile duine am facal Tha dà latha dhan Iuchair anns an Fhaoilleach agus dà latha dhan Fhaoilleach anns an Iuchair. Chuala mise facal coltach ris a sin a bhiodh aig na h-iasgairean agus an fheadhainn a bhiodh a' dol a shireadh eun, an fheadhainn a bhiodh a' falbh pìos bho thìr 's a' falbh a-mach gu sgeirean 's mar sin. Bhiodh iad ag ràdh, Na fan ri gaoth Foghair is na falbh ri fèath Faoillich. Bhiodh iad uaireannan ag ràdh, Na fan ri gaoth Iuchair 's na falbh ri fèath Faoillich."

'S ann air/oirre a tha aghaidh a' chlacharain!

Bha Eachann an uairsin ag innse mar a bhiodh iad ag ràdh air Na Lochan ann an Leòdhas, 'S ann air/oirre a tha aghaidh a' chlacharain! Chante sin mu dheidhinn duine a bhiodh iuthairneil, bragail.

'S bha cuimhne aig Iain a bhith cluinntinn cuideachd Tha thu ann a shin mar chlacharan air rùdhan! a' ciallachadh duine a bha cho stobach, 's na sheasamh dìreach a' saoilsinn nach robh duine ann ach e.

Fear Fèill Phàraig

Bha ainm eile aig Eachann air a' chlacharan - Fear Fèill Phàraig. Sin a bhiodh aca air seach gum biodh e a' nochdadh an ìre mhath cumanta man àm sin dhen bhliadhna

Stiùireadh bbc.co.uk

BBC © 2012

Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.