Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Faoilleach 2009

Diluain Traoight

Gealach

Flòraidh: Trobhad, ort 's sinn a' bruidhinn air aimsir, na chuimhnich thusa dhol a-mach Diluain Traoight?

Iain: Ma dh'innseas mi an fhìrinn cha do chuimhnich. Chuimhnich mi madainn Diluain ach nuair a thàinig e gu feasgar Diluain 's àm cadail chaidh mise a chadal aig an àm àbhaisteach 's cha robh an còrr guth agam air Diluain Traoight gu meadhan na seachdainneach.

Agus bha na h-uiread de dh'eagal orm gu faighnichidh tu sin dhomh, 's ann a smaoinich mi gu faighnichinn fhìn do chuideigin a bha mi an dùil a bhiodh air ealla a ghabhail.

Flòraidh: 'S carson nach do dh'fhaighnich thu dhomh fhìn, ma tha?

Iain: Robh thusa muigh?

Flòraidh: Cha robh!

Iain: Bha mi smaoineachadh nach biodh! Co-dhiù, chuir mi fios gu Mòr NicLeòid ann am Brù. Bha ise a' cantainn gum biodh i fhèin a h-uile bliadhna, a' dol a-mach chun an dorais aig meadhan-oidhche Diluain Traoight.

Agus ma smaoinicheas duine air, bha Diluain Traoight am bliadhna cho fada às dèidh àm na Bliadhn Ùir 's as urrainn dha bhith. Bha e, mar a thàinig a' Bhliadhn' Ùr a-steach, a' Bhliadhn' Ùr as an t-seann chunntas tha mi ciallachadh, bha e dìreach an t-seachdain slàn às dèidh sin.

Bha Mòr a' cantainn rium, nuair a chaidh i a-mach, gun deach i a-mach gun teagamh, agus thuirt i "Cha robh deò air a' ghaoith!" agus chuir i fhèin dìreach mar seo e, "Cha robh de ghaoth ann a ghluaiseadh a' falt air mo cheann!"

Agus bha i a' dèanamh dheth, ma bha càil idir, idir ann, gur ann bhon iar-dheas a bha i. Bha i a' gabhail ealla ris an rud, tron fheasgar 's a' latha ron a sin, agus 's ann bho thuath ‘s an iar-thuath a bha a’ ghaoth.

Agus leis a sin, 's ann a' tionndadh leis a' ghrèin a bha a' ghaoth agus bha i ag ràdh gu robh sin a' cunntadh cuideachd.

Flòraidh: Deagh chomharra, an e?

Iain: 'S e, ach cha robh i buileach cinnteach. Bha na bodaich a' cumail a-mach gu robh sin a' cunntadh, ach bha ise a' dèanamh dheth, well, an dùil an e gu robh còir aige a bhith dol deiseal, a' dol leis a' ghrèin.

Bha 'd an còmhnaidh a' cumail a-mach, a' tionndadh bhàtaichean na rud sam bith, gur ann ris a' ghrèin a bu chòir dha a bhith dol.

Co-dhiù thug i aire dhan a sin agus dìreach chionns nach robh mòran de ghaoth ann bha e duilich dèanamh a-mach dè seòrsa sìde, no dè 'n àirde bho am bi dùil againn ris a' ghaoth a' mhòr-chuid dhen bhliadhna.

Ach tha amharas agam fhìn gur ann taobh an iar-dheas na mar sin a bhios i.

Ach, anns a' chòmhradh, chuir mi ceist eile rithe. Thug mi fhìn an aire le na h-oidhcheannan brèagha gealaich a bh' againn an t-seachdain a chaidh, thug mi an aire dha bogha san adhar, glè choltach ann an cumadh ri bogha-froise ach, nach b' e sin an dath a bh' air.

Flòraidh: Geal a bha e?

Iain: Geal na buidhe gheal a bha e, agus an dealbh a bha i fhèin a' dèanamh air, 's e sin dìreach a' rud a bha mise air fhaicinn 's tha fhios a'm a chunnaic daoine eile.

Agus bha i dìreach a' cantainn gu feumadh tu suidhichidhean sònraichte mas fhaic thu e; gu feum a' ghealach a bhith an ìre mhath làn agus gu feum i bhith gu math, math soilleir; gu feum oidhche às nach eil mòran sgòthan a bhith ann agus gu bheil a' ghealach an uairsin dìreach mar a tha a' ghrian ag obair tron latha, a' deàlradh tro uisge na fliuchras sam bith, tha thu faicinn, ach nach eil neart na gealaich cho làidir ‘s gu faic thu na dathan sònraichte as a' bhogha-froise a chì thu tron an latha nuair a tha a' ghrian a-muigh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.