Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Faoilleach 2009

Cur-seachadan eile

A' cur thòimhseachain

Gu math tric, bhite a' cur thòimhseachain. An dàrna duine, chuireadh e tòimhseachan 's bha na bha staigh an uairsin a' feuchainn ris a sin a dhèanamh a-mach, dè a bh' ann. 'S chuireadh cuideigin eile an uairsin fear eile, 's bhiodh e dol mar sin o dhuine gu duine.

Tòimhseachan: Fitheach air tom, 's dà fhitheach air tom, 's fitheach a' coimhead fitheach. Cia mheud fitheach a th' air an tom?

Freagairt: Dà fhitheach - a' coimhead faileas!

Bòrd tàileasg

Ceit Anna NicIllFhialain, Taigh a' Ghearraidh, Uibhist a Tuath

Tàileasg

Rud eile a bha againn, a' cluich taileasg. Sin agad an obair oidhche a bh' againn. Bha na saoir cho math air an làmhan. Dhèanadh iad na bùird 's na cnagan. Cha bhiodh agad 's dòcha ach cardboard ann an cnagan, mar gum biodh. Ach mar a bha daoine a' faighinn air adhart, bha 'd a' faighinn taileasg a cheannachd an uairsin agus bha feadhainn ac' uabhasach math air, gu h-àraidh na seann daoine.

Bha mi ann an taigh oidhche is dithis aca cluich. Bha fear seo a' dèanamh an gnothach air an fhear eile, agus 's ann eadar na glùinean aca a bha 'n taileasg. Agus cha do rinn a' fear eile ach a chasan (a sgaoileadh). Thuit an taileasg! "O nach ann annad a tha 'n ceannard suarach!" ars esan.

Eardsaidh Moireasdan, Solas, Uibhist a Tuath

Piorna-uinneag

Bhiodh sinn a' dèanamh rud ris an canadh iad piorna-uinneag. Bha thu a' dèanamh nàdar roth de dhà cheann a' phiorna agus bha thu a' cuir cas ann de mhaide. 'S bha thu an uairsin a' cuir sreang air.

Agus bha thu dol gu uinneag far a saoileadh tu, gu h-àraidh ma bha balaich a' cèilidh. Bha thu a' cur sin air an uinneag 's bha e a' dèanamh fuaim mòr a-staigh 's bha 'd a' gabhail feagal. Bha 'd an uairsin a' ruith as ar dèidh Bha sin a' còrdadh rinn uabhasach math, a bhith a' ruith às ar dèidh. Cha bheireadh iad oirnn co-dhiù an uair ud!

Dolaidh Greumach à Dail bho Dheas, Leòdhas

Coirce

Mire-mire-curracag; Mileag nan Cruach

Bhiodh a h-uile iodhlainn le ceithir is còig cruachan coirce is eòrna as na h-iodhlainnean. Bhiodh sinn a' ruith oidhche bhrèagha. 'S e Mire-mire-curracag a bh' againn air, a' ruith mar na curracagan as na h-iodhlainnean nam biodh oidhche mhath ann.

Mileag nan cruach a bh' againn air - chan eil fhios agam an e sud an t-ainm dòigheil a bh' air ach sud a bh' againn air co-dhiù. Agus bhiomaid a' ruith a chèile timcheall nan cruachan feuch am beireadh an darna duine air an duine eile. 'S e spòrs mòr a bh' ann a bhith ris. Bha e gu math doirbh cuideachd far am biodh 's docha naoi 's a' deich 's barrachd air a sin de chruachan.

Peigi Mhoireach, Dail bho Dheas, Leòdhas agus Ceit Anna NicIllFhialain, Taigh a' Ghearraidh, Uibhist a Tuath

A' feuchainn na dòirneig agus cleasan eile

Ma bha càil idir air an t-sìde, bhiodh sinn a-muigh ag obair a' feuchainn na dòirneig agus a' tilgeil an ùird agus a' feuchainn leum àrd agus leum fada agus rud ris an canadh sinne cruinn-leum. Bha sin, bha thu leum gun rus thuige idir.

Bhiodh sinn a' dèanamh tòrr de rudan a' feuchainn cò bu làidir le maide-leisg. Bhiodh sinn a' cur ar casan ri chèile, dithis againn, dithis ma seach, agus bha maide againn an uairsin. Dh'fheumadh am maide a bhith straight ri bàrr do bhrògan agus bha thu a' feuchainn d' uile neart an togadh tu am fear a bh' air an taobh eile. Bhiodh sinn a' cur seachad ùine mhòr dhar saoghal ag obair air a sin.

Dolaidh Greumach, Dail bho Dheas, Leòdhas

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.