Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 27 Faoilleach 2009

Cur-seachadan

taighean

Cha robh mòran obair ann a b' urrainn daoine a bhith ris mun àm seo dhen bhliadhna agus mar sin bha ùine ann airson cur-seachadan gu leòr, gu seachd àraid dhan chloinn. Tha atharrachadh mòr air tighinn air an dòigh anns a bheil daoine a' cuir seachad na h-ùine an diugh, gu h-àraidh le buaidh choimpiutaran agus telebhisean air an dòigh-beatha. Ciamar a bhite cur seachad na h-ùine as na làithean a dh'fhalbh?

A' cur thaighean

Bha mi bruidhinn ri seann bhoireannach a' latha roimhe agus bha i a' ràdhtainn nuair a bha ise na h-inghinn òig chanadh iad "Cò an taigh as a bheil C V D?" mar gum biodh, agus bhiodh a h-uile duine a' smaoineachadh cò bhiodh a sin. Agus cha thomhaiseadh duine e, agus chanadh an duine a chuir e "Catriona Bheag an Dalt!" 'S e "V" a bha 'd a' cuir airson "bh". Agus bha i a' ràdhtainn gum biodh iad ag obair air an obair sin, agus uaireannan le bhith cuir na litir ceàrr as a' Ghàidhlig, bha e a' toirt a' ghnothaich na bu duilghe bhith faighinn a-mach cò bh' ann.

Ceit Anna NicIllFhialain, Taigh a' Ghearraidh, Uibhist a Tuath

Caoraich phàipeir

Bhiodh sinn a' dèanamh caoraich le pàipear agus bhiodh sinn a' cuir an t-soidhne againn fhìn orra. Sinn fhìn agus teaghlach eile. Bhiodh sinn as gach taigh agus bha sinn ag obair air na caoraich sin. Agus bhiodh sinn gan dubadh agus bhiodh rùda againn 's bhiodh sinn gan dèanamh cruaidh ris an teine. Agus bhiodh sinn gan cuir a shàbaid, an dà rùda phàipeir.

Caoraich phàipeir

Agus bhiodh cù againn cuideachd air a dhèanamh de phàipear. Agus air a bhiodh na caoraich sgapte air feadh an taighe bhiodh an cù a' falbh na do làimh 's gan cruinneachadh gu faing. Agus bhiodh sinn an uairsin gan dubadh ma bha doca as an làr.

Dolaidh Greumach, Dail bho Dheas, Leòdhas

A' dèanamh "motions "

Cho luath sa ghabhadh sinn ar suipeir bhiodh sinn a' dol còmhla ri chèile. Mar bu mhotha bhiodh ann, 's ann a b'fheàrr. 'S chanadh cuideigin "Ni sinn motions " Agus null leinn gu cùl na cruaiche.

'S a' fear na an tè a thuirt gun dèanadh sinn an geama, thòisicheadh iad a' dol sìos is suas air ar beulaibh, a' coiseachd. Agus bhiodh e cuir a chas mar siod no gàirdean no stadadh e, 's e ag obair air a bhonaid no ag obair mas fhìor air a' phìob no tarraing a làmh sìos air aodach.

Ann am mionaid thòisicheadh sinn ag èigheach cò bh' ann. 'S bha fhios aig a h-uile duine againn air a h-uile duine a bh' air a' bhaile. Bha choiseachd aca againn 's a h-uile gluasad.

Ach seo a rud! Cha robh sinn ga leantainn idir ach a faiceadh sinn dè mar a bha 'd ga dhèanamh. Cha robh iad ach a' coinneachadh ruinne a-muigh. Bha sinn a' smaoineachadh gu robh sinn cho trang nar rud fhèin 's nach robh sinn eadhon ga faicinn. Tà, bha.

Mairead NicLeòid, Garrabost, Leòdhas

Teadaidh

Teadaidh

Cha robh toys ri fhaighinn. Cha robh sinn a' faicinn a leithid de rud. A' chiad rud a fhuair sinn 's e teadaidh a thàinig bho piuthar màthair a' bhalaich bhig a bha seo às Lunnainn. 'S bha e uabhasach miannmhor air an teadaidh a bha seo.

Ach nach robh tìodhlacadh as a' bhaile agus bha sinn a' gabhail ùidh mhòr as na gnothaichean a bha dol 's a' faighneachd mu dheidhinn. 'S ann a thìodhlaic sinn an teadaidh. Bha sinn a-rithist ga ionndrainn cho mòr 's b'fheudar dhuinn a thogail. 'S nuair a chaidh a ghlanadh 's a chuir air ròp an aodaich 's ann a dh'fhalbh na casan dheth 's dh'fhalbh an ceann dheth 's shin agad crìoch an teadaidh. Cha b' ann molach a bha e idir. 'S e aodach dhe robh e air a dhèanamh. Bha siud ann an 1925.

Agus bhiodh sinn a' caitheamh mòran, mòran tide air na catalogues . Seonaidh Dhòmhnaill Uilleim 's Oxendales , ag obair le siosaran a' gearradh nan leadaidhs às, na feadhainn a bu toil linn.

Seonag NicAonghais, Diùranais

Slaighdigeadh is dannsa

Nuair a bha sinn beag as a' gheamhradh, bhiodh sinn a' slaighdigeadh. Bhiodh slaighd againn. Agus bhiodh sinn a' dannsa. Bha fear às a' bhaile aig an robh pìob-chiùil 's bhiodh sinn a' dannsa air an drochaid. Bhiodh e a' pìobaireachd dhuinn ann a shin 's bhiodh sinn a' dannsa oidhche bhrèagha ann. Bhiodh sinn sìos is suas a' rathad a' gabhail amhrain. Bhiodh sinn a' cluiche le cairtean. Bhiodh paca chairtean againn, aig na balaich. Bhiodh sinn a' cluiche Catch the Ten .

Peigi Mhoireach, Dail bho Dheas, Leòdhas

Stiùireadh bbc.co.uk

BBC © 2012 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.