Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 20 Faoilleach 2009

Fios bho luchd-èisteachd Facal Oirbh

Thàinig am fiosrachaidh a leanas bho luchd-èisteachd Facal Oirbh ann an 1998 nuair a chaidh am prògram a chraoladh an toiseach.

Faochag

Àrainneachd nam faochag

Bha Ùisdean MacMhathain ag ràdh gu feumadh tu bhith faiceallach ma tha thu san tràigh fhaochag nach eil thu sgrios na h-àrainneachd. Ma tha thu a' tionndadh clach bu chòir dhut a' chlach sin a thilleadh air ais dìreach mar a fhuair thu i chionns gu bheil buaidh aig a sin air a bheil faochagan a' dol a thilleadh air ais dhan àit' tha sin.

Far a bheil iad pailt

Bhiodh iad ag ràdh tric nach fhaigheadh tu na faochagan dubha leth cho pailt ach ann an geodhaichean 's ann am pìosan dhen chladach far am biodh allt a' ruith a-steach ann, no fìor-uisg a' dol a-steach ann, a bharrachd air an t-sàl.

Am beul na faochaig

Dh'innis Ruaraidh MacNèill às an t-Sàilein, Eilean Mhuile cuideachd gur e operculum a chanar am Beurla ris an lann beag dubh a tha am beul na faochaig. Cha robh e cinnteach dè a' Ghàidhlig a th' air. An robh na seann fheadhainn a' cleachdadh lann air a shon? No bheil facal eile ann?

Dè a' Ghàidhlig a tha air clothes peg ?

Biorain aodaich
  • piorna-aodaich Bho Nan NicÌomhair, Inbhirnis
  • cnag-anairt Bho Mhòrag NicDhòmhnaill, Steòrnabhagh; Dhòmhnall R. Moireasdan, Sgalpaigh; Ruaraidh MacNèill, Muile
  • prìne-aodaich Bho Sheonag Mhoireasdan, Càrlabhagh
  • bioran-aodaich Bho Chaluim Eòghainn MacIllFhialain, Glaschu; Mhòrag NicNèill, Barraigh
  • cnag-aodaich Bho Choinneach I Mac a' Ghobhainn, Iarsiadar, Leòdhas
  • pin-aodaich Bho Mhòrag NicNèill, Barraigh
  • cnag-crochaidh Bho Eachainn Mac a' Ghobhainn, Liùrbost / Dun Èideann

Thàinig post-dealain bho Chatriona Guinne à Griais, Leòdhas, ag ràdh gur e punna-aodaich no pinne-aodaich a chanas iadsan.

Cuideachd, thàinig fios bho Mhàiri Anna Ghreumach à Cille Mhoire, an t-Eilean Sgitheanach, gur e bioran-anairt a bhios iadsan a' cleachdadh.

Beannachadh Bliadhn' Ùire

Dhè, beannaich dhomh an latha ùr
Nach do shaoradh dhomh roimhe riamh.
Is ann gu beannachadh do ghnùis
Thug thu an ùine seo dhomh, a Dhia.
Beannaich Thusa dhomh mo shùil
Beannaicheadh mo shùil na chì.
Beannaichidh mise mo nàbaidh,
Beannaicheadh mo nàbaidh mi.
Dhe, tabhair dhomhsa cridhe glan
Na leig à seall do shùla mi
Beannaich dhomh mo ghin 's mo bhean
'S beannaich dhomh mo nearc 's mo nì.

Bho Mhòrag NicNèill à Barraigh

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.