Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 20 Faoilleach 2009

Seanfhacail is Abairtean

Coileach

Chan e an taigh ach na daoine

Chante seo nuair a bhiodh ginealach an dèidh ginealach de na h-aon teaghlaichean ann an taigh 's mar gum biodh gun tigeadh sin gu ceann agus gun deigheadh an taigh a reic 's gun tigeadh daoine as ùr a-steach. Bhiodh luchd a' bhaile an còmhnaidh ag ràdh "Cha e an taigh ach na daoine", a' ciallachadh gur e na daoine a bha cunntadh.

Agus an cois sin fhuaireas ceathramh; chan eil fhios an ann à òran a tha e no bheil e a' seasamh leis fhèin.

Fanaidh sgeulachdan san fhonn
Fhad 's a bhios sìol nan sonn na bhun
Ach nuair a dh'atharraicheas am pòr
Sguiridh na sgeòil tha sin gu tur.

Tha fad ceum cas coilich a' tighinn as an latha

Chante seo nuair a mhothaicheadh daoine an toiseach gu robh an latha a' fàs beagan na b' fhaide.

Mo nearc 's mo nì

Tha sin a' ciallachadh "mo chuid 's mo chrodh" Bha nì air a chleachdadh tric airson crodh. Chante "Theirig a dh'iarraidh an nì."

Cuir - agus cuid de na dòighean as a bheil e air a chleachdadh

  • Tha iad air an t-àite a chur fòdhpa fhèin – chante seo can nan tigeadh teaghlach agus gun ceannaicheadh iad taigh ann am baile agus an uairsin gu sgaoileadh agus gu leudaicheadh iad gus an robh cha mhòr cus aca ann.
  • Chuir e an dara taobh e – chante seo can nan dèanadh tu d' inntinn an-àirde mu rud mu robh thu air a bhith a' falbh 's a' tighinn. Chanadh tu "Feumaidh mi seo a chur an dara taobh".
  • Chuir e gu aon taobh e – chante seo nam biodh e air rud a chur air leth dhut, mar gum biodh.
  • A' cur às do leth - chante seo nam bite a' fàgail rudan ort.
  • A' cur sìos air duine - chante seo nam bite a' toirt droch ainm do dhuine.
  • Bha e air a dheagh chur uime – chante seo nam biodh an duine air èideadh gu math.
  • Chuir iad romhpa – a' ciallachadh gun do rinn iad an-àird an inntinnean.
  • Chan eil cuir leis sam bith ann – chante seo mu dhuine nach eil a' dèanamh mòran. 'S dòcha gu bheil e deònach a bhith dèanamh na h-uimhir de strì ach gun mòran a' tighinn às. Chanadh tu "Tha an duine seo air a bhith dol fad an latha 's gu dearbha cha mhòr a rinn e. Chan eil mòran cur leis ann!"
  • Cuir às do chorp – a' ciallachadh gu bheil tòrr còmhradh agad.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.