Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 06 Faoilleach 2009

Fios bho luchd-èisteachd

Thàinig am fiosrachaidh a leanas bho luchd-èisteachd Facal Oirbh ann an 1998 nuair a chaidh am prògram a chraoladh an toiseach.

Reithe

Fiosrachadh mu chaoraich air eileanan Caolas Na Hearadh

Bha e air a ràdh gu robh am feur a bha air eileanan Caolas na Hearadh cho goirid 's ged a ghabhadh tu ràsar dha nach lìonadh tu aon bhonaid leis! Ach bha am feur math chionns gu robh na h-eòin agus na ròin ga thodharachadh.

Crogaichean

Bhiodh iad a' cur seann chrogaichean de chaoraich air Eilean Sheilaigh, air cùl Phabaigh, deireadh na bliadhna aig àm reitheachd. Cha chuireadh iad uair sam bith reithe no rùda ceart nan cois, ach uanreith no beathach nach bu mhòr a b' fhiach.

Tarraing (na mara)

Bhiodh uairean tarraing na mara air a' chladach cho làidir 's gur ann a' tilgeil nan caorach às an eathar a bhiodh iad.

Soideanaich

Nan tigeadh na crogaichean truagh seo idir tron gheamhradh, bha e air a ràdh gum biodh iad cho fallain ris a' bhreac an dèidh a bhith air an eilean 's gum biodh a h-uile tè le uan math, tapaidh, beothail aice. 'S e soideanaich a chante ris na h-uain seo, a' ciallachadh beathach tapaidh, beothail. Soideanach de dh' uan a bhiodh ann!

Bho Shìm MacCoinnich, An t-Òb, Na Hearadh

Rannan ag innse mar a mhiannaicheadh na seann daoine a' bhliadhna a bhith.

Geamhradh reòthanach
Earrach ceòthanach
Cèitean bhog, bhlàth
Samhradh breac, stiallach
Foghar geal, grianach.
Do choirce agus d' eòrna
Buain na thràth e.
Do bhàrr buntàta
A-staigh mu Shamhain.
D' aitreabh air a tughadh luath
Mas tig am fuachd ri feum thu seasamh.

Bho Choinneach Iain Mac a' Ghobhainn, Iarsiadar, Leòdhas.

Geamhradh reòta
Earrach ceòthail
Samhradh breac, riabhach
Is Foghar geal, grianach.
'S na faighinn-sa mar a dh' iarrainn
Thogainn bàrr, ge boil le Dia e.

Bho Shìne Currie, Loch Baghasdal, Uibhist a Deas

Rabhd Callainn

Iain M MacLeòid
'S lèir dhomh tulach, 's lèir dhomh tràigh
'S lèir dhomh na fir air an t-sràid;
Taobh an dearcain, taobh a' phlocain
Nochd oidhche na deagh bhinn air an uinneig.
Thàinig mi gu modhail, eòlach
Ann an àm tòiseachdainn na Callainn;
Cha leig thu leas sin innse dhomh
Bha i ann o linn mo sheanair.
Craiceann caorach na mo phòcaid
'S math an treòir a thig on fhear ud
Leis an tart a th' anns an dùthaich
Chan eil dùil againn ri drama,
Ach rud beag de mhath an t-samhraidh
Ma tha e ann, cuir a-mach e.
Bhean an taighe, theirig suas
Geàrr cùl càbaig
'S na geàrr aghaidh d' òrdaig.
Thoir an leòr do mhuinntir an taighe
'S thoir a' bhonnag dhomhsa.
Gabhaidh sinn an t-aran gun an t-ìm
Gabhaidh sinn an t-ìm gun an t-aran
Gabhaidh sinn a' chàis leatha fhèin
Carson a rèisd a bhiodh sinn falamh?
Ach aon rud a tha mi ag àicheadh dhut
Sìolagan de bhuntàta carrach.
Chan eil iad furast' an giùlain
Chan eil iad sunndach 's chan eil iad fallain.
Agus cumaidh iad seachd tràth gun èirigh
Am balach is treuna a th' as a' bhaile
Tha Challainn a seo!

Agus, nuair a gheibheadh na gillean Callainn rudeigin, bheannaicheadh iad an taigh mar a leanas.

Beannaich an taigh is na tha ann
Eadar chrodh is eich is chaoraich
Is slàinte dhaoine gu robh ann.

Bho Iain M. MacLeòid, Baile Ailein, Leòdhas

Mur a faigheadh na gillean càil bho mhuinntir an taighe mhallaicheadh iad an taigh mar a leanas, "Gum biodh do mhionach aig na starragan air na feannagan gu Latha Fhèill Brìghde."

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.