Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 06 Faoilleach 2009

Amannan sònraichte dhen bhliadhna: Cleachdadh agus creideasan nan seann daoine

Fiosrachadh bho Mhòr NicLeòid à Brù, Leòdhas.

Mòr NicLeòid

Oidhche Challainn

Oidhche an dàrna latha deug, sin Oidhche Challainn a rèir an t-seann chunntas. Bha, mar gum biodh, an t-seann bhliadhna air an cùlaibh agus bha togail aca ris a' bhliadhna a bha tighinn. Bha an latha gu bhith na b' fhaide is gheibheadh iad barrachd a dhèanamh a-muigh far an robh am bith-beò.

Diluain Traoight

An ath Dhiluain às dèidh an tritheamh latha deug – Diluain Traoight. Bhite a' dol a-mach aig meadhan-oidhche a thoirt aire dha dè an taobh bhon robh a' ghaoth a' sèideadh. Bha iad dhan bheachd gur e sin a' ghaoth bu tric a bhiodh ann tron bhliadhna, ged a bhiodh atharrachadh ann nuair a bhiodh rotaichean ann. An uairsin bhiodh e dualtach gum biodh latha no dhà de ghaoth tuath ann a bhiodh geur is fuar. Ach, anns a' chumantas, tillidh a' ghaoth a-rithist chun na gaoithe a bha ann oidhche Diluain Traoight.

Toiseach an earraich: Latha Fèill Bhrìghde agus oidhche Fèill Phàraig

Bha an t-Earrach a' tòiseachadh air an tritheamh latha deug den Ghearran, air Latha Fhèill Brìghde. Ma chunntas sibh e, bha mìos agus còig oidhche, 's iad fhèin as an àireamh, eadar Oidhche Challainn agus oidhche Fhèill Brìghde. Bha an aon rud eadar Oidhche Fhèill Brìghde agus oidhche Fhèill Pàraig agus b' e sin an seachdamh latha deug de mhìos na Màirt – fìor leth an Earraich.

Tràighean

Bha tràigh mhòr toiseach an Earraich ann. Bha i sin sònraichte mòr 's bhiodh rotach na cois. Bhiodh tràigh mhòr ann a-rithist leth an earraich 's bhiodh i sin cuideachd sònraichte mòr ach na tràighean a bhiodh eatorra, cha bhiodh iad cho mòr, ged a bhiodh reothartan ann.

Cuthag

A' chuthag

Mar tha fios agaibh sann a' ruith a' bhlàiths a bhios a' chuthag. Tha i a' falbh bhuainn mas tig am fuachd 's tha i a' tilleadh a-rithist nuair a shaoileas i a bhios am blàths air tighinn thugainn. Cha bu toigh leotha glè mhath gun tigeadh a' chuthag ro thràth. Nan tigeadh i tràth, bhiodh sìde mhath ann. Ach nam biodh an t-sìde mhath ann ro thràth, cha robh iad ag iarraidh sin. Bhiodh iad ag ràdh mun chuthaig "Chan fhada gus an cuir an doineann na tost i". Agus bhiodh sin a' tachairt. Bhiodh i a' dol air falach. Chan fhulaing i fuachd.

An smeòrach

Cha bu toigh leotha an smeòrach a chluinntinn a' seinn gu Latha Fèill Bhrìghde, a' chiad latha dhen Earrach. Nan cluinneadh iad i toiseach a' Ghearrain, chanadh iad an aon rud. "Chuala mi an smeòrach an-diugh. Chan fhada gus an cuir an doineann na tost i."

Feur

Cha bu toigh leotha fàs feòir fhaicinn cho tràth sin, bhon bha fios aca gun tigeadh sìde theann às dèidh sin 's gun deidheadh e air ais dhan talamh. Bha e a' dol ga chumail na b' fhaide gun fàs ceart a dhèanamh.

Copagan

Caoile na Bealltainn

'S ann mu Bhealltainn a bu chaoile a bha gnothaichean do dhaoine 's do bheathaichean. Bhathas a' cruinneachadh as t-fhoghar na bha gan toirt tron Gheamhradh agus tron a' chuid bu mhotha dhan Earrach. Ach bhiodh sin a' teirigeachdainn agus cha bhiodh gnothaichean eile air fàs mu Bhealltainn. 'S chante caoile na Bealltainn ris an àm sin bhon bha am buntàta air teirigeachdainn is biadh nam beathaichean. Agus bhite a' bruidhinn air na faighte air na beathaichean a thoirt tro chaoile na Bealltainn gum biodh a' chopag an uairsin a' tighinn tron talamh. 'S na faighte air na beathaichean a thoirt chun na copaig gun dèanadh iad a' chùis.

Is buidhe dhut!

Nuair a chante "Is buidhe dhut!" bha sin a' ciallachadh "Tha thu fortanach!" Air Latha Buidhe Bealltainn bha, mar gum biodh, na duilgheadasan seachad. A' ghainne agus an t-uallach a bha an cois na gainne, bha sin seachad agus bha togail ri blàths na grèine agus fàs a' tighinn dhan talamh. Agus an uairsin bha na beathaichean a' dol chun na mòintich, an crodh agus na caoraich. 'S bha e na latha buidhe, mar saor-latha.

An t-Iuthar

An uairsin bhiodh an t-Iuthar ann, trì seachdainean dhan t-Samhradh agus trì seachdainean dhan Fhoghar. Sìde dhuilich a bha anns an Iuthar, gu h-àraid ma bha duine tinn no leanabh nach robh a' tighinn air adhart glè mhath – àm a bha uabhasach trom air bochdainn. Bhiodh daoine toilichte nuair a bhiodh e seachad.

Bha am biadh cho duilich a ghleidheil an uair sin. Cha robh am bainne furasta a làimhseachadh a bharrachd. Bhiodh e a' dol tiugh, a' binndeachadh, mas robh an t-uachdar a' faighinn gu uachdar 's bha, mar gum biodh, am bainne sin a dhìth. An àite uachdar nàdarrach a bhite a' togail dheth airson ìm a dhèanamh, 's e nàdar meug a thigeadh air uachdar.

Bhite a' feuchainn ri àite fionnar a lorg as an deidheadh a chuir. B' e na saibhlichean àite cho fionnar sa bh' ann. Bhiodh iad falamh aig an àm oir cha robh am bàrr air a thighinn a-steach. Bhiodh ciste no bucas mòr aca san t-sabhal, le ceann ann, 's bhiodh iad a' cumail a' bhainne an sin. Shaoileadh sibh an uairsin gu faireadh sibh fionnarachd de dh'aotromas anns a' ghaoith. Ged a bhiodh gaoth ann tron Iuthar, bha bruthainn innte. Cha robh fionnarachd innte a thogaibh sibh.

Copag na Bealltainn

Chante "Chan ith i copag na Bealltainn ," a' bruidhinn air àm na caoile nuair a bhiodh na beathaichean bochd, agus a' ciallachadh nach robh i dol a thighinn troimhe. Chan bhiodh i beò airson gu faigheadh i a' chopag ghorm a bheireadh beatha dhith is a bheireadh piseach oirre.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.