Help / Taic
Gobha ag obair sa cheàrdaich

An Cèitean

Bha àite gu math sònraichte aig a' ghobha agus aig a' cheàrdach anns a' choimhearsnachd. B' ann ann a bhite a' dol airson na h-eich a chruidheadh agus airson rothan nan cairt ullachadh le cearcaill iarainn.

Bha a' cheàrdach cuideachd na taigh cèilidh. 'S beag an t-iongnadh gu robh an seanfhacal ag ràdh "Cùm gu bràth ann an sìth ri do ghobha, ri do mhaor agus do mhinistear."

Faigh a-mach tuilleadh.

Cuideachd sa phrògram:

BBC Vocab

Faigh taic leis an duilleig-lìn a tha thu a' leughadh bho phutan BBC Vocab. Cliog gu h-àrd airson a chuir air agus thèid facal sam bith do bheil eadar-theangachadh againn nar faclair lìn a chomharrachadh.

BBC Vocab displays Gaelic to English translations of words on BBC web pages. Click the Vocab button to enable the tool.

Facal Oirbh

Sreath phrògraman air BBC Radio nan Gàidheal

'S ann mu bhriathrachas 's mu ghnathasan-cainnt na Gàidhlig, mu chleachdaidhean agus mu chreideasan nan Gàidheal a tha Facal Oirbh.

Mhair an t-sreath ann an riochdan eadar-dhealaichte mu ochd bliadhna le mòran dhen fhiosrachadh a' tighinn bho luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal às gach ceàrnaidh.

Bha na prògraman air an lìbhrigeadh le Iain MacIlleathain agus Flòraidh NicIlleathain, le taic uair sa mhìos bho Fionnlagh Macleòid.

Tuilleadh chuspairean bhon Chèitein

Abairtean is Briathrachas

  • Seanfhacail is Abairtean

    Fàilte an dèidh fuarachaidh

    Nan tigeadh duine a chèilidh ort aig àm nach robh ro ghoireasach dhut, cha bhiodh tu ro thoilichte fhaicinn. 'S dòcha nach b' e fàilte chridheil a chuireadh tu air. Ach an uair sin nan toireadh e a-mach poca de rudan math dhut 's gun tòisicheadh tu an uair sin ag iarraidh air suidhe is a' tairgsinn aoigheachd dha, sin fàilte an dèidh fuarachaidh.

    À Barraigh

    Leugh tuilleadh.
  • Na facail lùireach agus lurach

    Bha Mòr NicLeòid à Brù, Leòdhas ag innse gun canadh i lùireach ri seann bhoireannach agus cuideachd gu faighear "lùireach mhàilleach" anns a' Bhìoball, a' ciallachadh "coat of mail".

    Ach nan canadh tu gu robh nighean lurach, bhiodh tu a' ciallachadh gu robh i brèagha anns a h-uile seagh.

    Leugh tuilleadh.
  • Rannan mun chuthaig

    Chuala mi a' chuthag 's gun bhiadh nam bhroinn
    'S dh'aithnich mi nach rachadh a' bhliadhna leam.

    'S e droch chomharra a bha seo.

    "Gu-gù", ars a' chuthag
    air Latha Buidhe Bealltainn.
    "Gu-gù", ars ise a-rithist
    air latha leth an t-samhraidh.

    Leugh tuilleadh.

Stiùireadh bbc.co.uk

BBC © 2012 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.