Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Òran Na Curracaig

’S a churracag bhreac leig às do sgiamh
Cha dèan mi sian air d’ dheòin
Cha b’ e d’ ugh neo idir d’ shitheann
Bu mhiann leam aig mo bhòrd
Ged ’s iomadh biadh a dh’ith mi riamh
’S mi fichead bliadhna ’s còrr
Gum b’ fhearr leam fhèin gu robh thu an-dràst’
Air spuirean bàis an t-seabhaig.

’S a Dhòmhnaill na biodh gruaman ort
Chan eil thu fuathasach àrd
’S e dh’fhàg thu fhèin cho buileach beag
’S e cion ’s nach d’ rinn thu fàs.
Ged ’s ioma nead a chreach thu riamh
’S eun dhan tug thu bàs
Gun aithnicheadh ’s a a-rèir do bheul
Gum bean thu o shìol nam bàrd.

’S èist le d’ ghob bheag bhiorach, chrom
A-mach o d’ cheann a’ fàs
Chan e do sgiamh neo do sgread
A dhèanadh freagairt bhàrd
Nach seall thu fhèin a-nis mu chuairt
Cho beag ’s a tha gruaim air càch
’S dh’aithnich mi nuair dh’fhan thu shuas
G’ eil suaip agad ri ceàrd.

’S tha uighean bòidheach breac agam
’S chan fhaca thu leithid riamh
Gun ghlèidh mi iad ged bha thu ’m beachd
’S thug mi ast’ an t-eun
Chan fhaca seabhag neo feannag iad
A’ falach anns an fheur
’S coltach sibh ri chèile
’S tha fios gu feum sibh biadh.

’S ma bhios saoghal fad agad
’S ann agad a bhios am beul
’S ann chreideas muinntir Uibhist ort
Gun rug thu uighean ghèadh
Gum fad’ an-dràst’ gun tarraing leat
’S gum bearradh iad do sgiath
’S guma goirt a chnàmhas tu
Na ghoid thu de ghràin ’s de shìol.

’S tha bàrd a’ tàmh sa bhaile seo
’S chan eil e fada shìos
’S cha leigeadh esan facal leat
Cho sgaiteach sgal do bheul
Tha mise falbh air tarraing
’S mòr gum b’ fheàrr dhomh triall
’S gu faighinn àite sàbhailte
’S am fàgainn mo chuid eun.

Chan eil bàrd sa bhaile seo
Neo anns a’ bhaile ud shìos
Nach cuirinn-sa mo ghealladh ris
Gum feannainn thu gun sgian
Tha thu searbh ri èisteachd riut
’S cho geur ri leann nam biast
’S b’ fheàrr leam gu robh goinnean riut
Mun coinnich thu rium riamh.

Release date:

Duration:

3 minutes

This clip is from