Seumas Greumach - Òran Cladaich

Hò-ro hìl ir-ic hìl ir-ic hiù ro
'S dìridh don tiùrr mo dhùn math feamad mi.
Hò-ro hìl ir-ic hìl ir-ic hiù ro.

Greas, thugainn don tràigh
Tha bàrr a' bhraga ris,
'S Langaisgeir Mhòr
Is Langaisgeir Bheag tha ris.

MacRath is MacAnndaidh
Seall siud seachad iad;
'S Clann Mhurchaidh Mhic Ainndreis
Chrom don chladach iad.

Mur tèidear don tràigh
Bidh bàn iad m' fheannagan;
Thugam mo ghràpa
Thugam mo bheannag thoir;

Thugam mo chliabh
O thugam mo dhronnag, thoir;
'S mo dhà bhròig mhòir
'S mo chòta dronnaige.

Greas, geàrr, buain, geàrr,
Luath sàth do chorran innt',
'S e 'n fheamainn nì 'm bàrr,
'S e 'm bàrr nì 'n t-aran dhuinn.

O inneir an àigh
'M buntàta cinnidh leat;
'N sin sùgradh don t-sùil
'M bàrr-gùg air m' iomair-sa.

Mo chorc agus m' eòrna
Bòidheach cinnidh leat,
Sùist, suathadh is criathair
Griais dhuinn min nì dheth.

Greas, greasaibh a dhìreadh,
Muir chan fhuirich ribh;
Seo reothairt 'Ille Bhrìde
An tìde builichibh.

Release date:

Duration:

4 minutes

This clip is from