Aileag, 07/12/2012 Là Lit

Chaidh Janice Ann a thadhal air na sgoilearan ann a Sgoil Bhreascleit is iad a’ dèanamh pròiseact air Mary’s Meals – cathrannas a bhios a’ toirt biadh do chloinn ann an dùthchannan bochda. Chùm na sgoilearan là lit anns a sgoil airson airgead a thogail don chathrannas, rinn na clasaichean as òige grìogagan agus chruthaich sgoilearan eile cairtean Nollaig a tha ’d a’ dol a reic. Thèid an t-airgead gu lèir chun a chathrannas Mary’s Meals.