iPlayer Radio What's New?
Image for Còmhla ri Iain Moireasdan

Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Còmhla ri Iain Moireasdan

Duration:
57 minutes
First broadcast:
Saturday 30 August 2014

Iain Moireasdan sa chathair le sùil air adhart gu iomain agus Cuairt Dheireannach Cupa an t-Sutharlanaich a' tachairt feasgar. Ball-coise aig ìre nàiseanta 's ionadail agus còmhradh le Stiùbhart Urchardan a tha air tòiseachadh a' cluich ball-coise aig Dùn Phàrlain às dèidh gluasad air ais a dh'Alba bho Coventry City. Sin agus goilf, teanas agus gu leòr eile ann am prògram na seachdain sa.

  • Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

    Stephen Gallacher

    ‘Se fìor dheagh naidheachd a th’ ann gu bheil an goilfear Stephen Gallacher air àite a chosnadh ann an sgioba na h-Eòrpa airson Cupa Ryder. Chan e co-dhùnadh furasta a bh’ ann dhan sgiobair Pòl McGinley, gu sònraichte an uair a b’fheudar dha dithis cho math ri Luke Donald agus Francesco Molinari fhàgail a-mach. Ach ’s e an co-dhùnadh ceart a th’ ann airson dà adhbhar.


    Sa chiad àite tha Gallacher airidh air an urram air sàillibh ’s mar a chluich e ann am farpais fhosgailte na h-Eadailte air an t-seachdain seo chaidh. Bha fios aige gur e sin an cothrom mu dheireadh a bh’ aige faighinn dhan sgioba agus ged nach do ghlèidh e an fharpais sheall e gum b’urrainn dha cluiche fo chuideam. A thuilleadh air an sin tha an stoidhle cluiche aige nas freagarraiche air raon farsaing, fada Gleann Eigeis seach Donald mar eisimpleir a tha nas cofhurtaile air raointean nas grinne far a bheil an gèam goirid aige nas èifeachdaiche.


    Eòlas ionadail

    Nas cudromaiche buileach tha Gallacher eòlach air a’ chùrsa agus tha fios aige cò ris a tha e coltach farpais a bhuinnig aig Gleann Eigeis. Chan eil e a’ fuireach ach deich thar fhichead mìle air falbh bhuaithe agus leis an fharpais ga chumail an seo an Alba cha dèan e cron nas motha gu bheil Albannach san sgioba. Tha mi smaointinn gun aontaicheadh a’ mhòr-chuid cuideachd gun do rinn McGinley an co-dhùnadh ceart na h-àiteachan mu dheireadh a thoirt do dh’Iain Poulter agus Lee Westwood.


    Ged a tha Poulter nas ainmeile airson na h-aodaichean dathte a bhios e a’ caitheamh air an raon goilf seach na tha e air a bhuinnig, an uair a thig e gu Cupa Ryder tha e comasach air an gèam aige a thoirt gu ìre eile caran coltach ri mar a bhiodh Cailean Montgomerie a’ dèanamh. Agus tha fios aig McGinley gun urrainn dha earbsa a chur ann an Westwood, fear a bha thall sa chunnaic ’s aig a bheil fios dè a tha a dhìth às dèidh a bhith air an sgioba shoirbheachail sia tursan cheana.


    Deireadh samhradh de spòrs

    Le Gallacher a-nis dearbhte san sgioba, tha e a’ ciallachadh gum bi adhbhar eile aig luchd-leantail goilf na h-Alba nochdadh nan dròbhan aig deireadh na mìos aig Gleann Eigeis agus às dèidh samhradh mòr de spòrs an Alba, tha ciad fadachd oirnn uile tè eile dhe na farpaisean as motha air an t-saoghal fhaicinn air an starsach againn fhèin.


    Alba an aghaidh na Gearmailt no Daibhidh an aghaidh Goliath?

    Roimhne sin ge-tà tha farpais chudromach eile a’ tòiseachadh sa Ghearmailt Didòmhnaich seo tighinn le sgioba nàiseanta ball-coise na h-Alba a’ cur na h-iomairt aca air bhog airson faighinn gu cuairtean deireannach EURO 2016 san Fhraing. Chan iarradh tu gèam nas duilghe an aghaidh na Gearmailt a ghlèidh Cupa na Cruinne ann am Braisil nas tràithe air an t-samhradh agus tha cuimhne againn uile air an droineadh 7-1 a thug iad air na Brasilianaich!


    Cha chreid mi gu bheil mòran a’ sùileachadh gun till sgioba Ghordan Strachan à Dortmund leis na trì puingean ach chan eil iad a’ siubhal gun dòchas. Mar as trice às dèidh farpais mhòr mar seo a ghleidheadh tha cluicheadairean sgìth an ath sheusan agus a bharrachd air an sin tha cuid dheth na laoich a bh’ ann an Rio leithid Phillip Lahm, Miroslav Klose is Per Mertesacker air sgur a chluiche dhan Mannschaft agus tha e a’ coimhead coltach nach bi an sgiobair ùr Bastian Schweinsteiger fut airson cluiche nas motha. Mu choinneamh sin ge-tà bidh feadhainn eile leithid Marco Reus, nach robh fut airson Cupa na Cruinne agus Mario Gomez air ais agus thiginn an urras gum bi barrachd iondrainn aig Alba air leithid Scott Brown agus Robert Snodgrass.


    Chan eil teagamh nach eil Alba fo stiùir Strachan nas duilghe am beatadh agus mar a tha iad air a shealltainn ann an Croatia, Nirribhidh agus a’ Phòlainn tha iad comasach air geamachan a ghleidheadh air falbh bhon taigh. Bidh e inntinneach fhaicinn dè an sgioba a chuireas Strachan a-mach aig Signal Iduna Park ach chuireadh e iongnadh orm mura biodh àite ann airson Steven Naismith a tha air a bhith ann am fìor dheagh shunnd airson Everton aig toiseach na seusain. ’S esan an dearbh sheòrsa cluicheadair a tha comasach air tadhal fhaighinn air falbh bhon taigh agus dhòmhsa tha beagan de cheist orm fhathast mu cho math ’s a tha an loidhne-dìon aig na Gearmailtich.


    Misneachd Draoidhean Wembley

    An aghaidh sin dh’fheumainn a ràdh gu bheil mi nas draghaile buileach mu loidhne-dìon na h-Alba, ach ma gheibh iad an sròinean air thoiseach cò aig tha fios dè a dh’fhaodadh tachairt. Cha ruig mi a leas a chur an cuimhne an Arm Thartain gun do rinn Alba an gnothach air an sgioba mu dheireadh a chluich iad goirid às dèidh dhaibh Cupa na Cruinne a ghleidheadh! Tha mi an amharas nach bi sgioba an latha an-diugh comasach air ruaig a chur air na Gearmailtich mar a rinn Denis Law, Jim Baxter sna draoidhean Albannach eile aig Wembley air ais ann an 1967, ach fhad ’s nach caill iad 7-1 bi mi riaraichte gu leòr leis an sin!


    Cò a-nis airson Ross County?

    Chuir e iongnadh orm gun do dhealaich Ross County ri Derek Adams agus athair Seòras an t-seachdain seo chaidh. Iongnadh san t-seagh gur e àm annasach a bh’ ann a’ bhròg a thoirt dha. Ma bha teagamhan ann, agus tha fiosam gun robh, carson nach deach an t-atharrachadh a dhèanamh tron t-samhradh, rud a bheireadh ùine dhan mhanaidsear ùr na cluicheadairean aige fhèin a thoirt a-steach? An àite sin tha an duin’ ùr air fhàgail le sgioba de choigrich a dh’fheumas e fhuaigheil ri chèile agus tòiseachadh air sreap suas bho bhonn a’ Phrìomh Lìog.


    Ach ge-brìth dè a chanas tu mu dheidhinn Adams agus tha gu leòr nach fhuiling a theangaidh gheur, tha e air fìor dheagh obair a dhèanamh ann an Inbhir Pheofharain a’ toirt County gu Cupa na h-Alba agus gan cumail sa Phrìomh Lìog airson an treas seusan an sreath a chèile. Bidh e inntinneach fhaicinn cò a bheir Roy MacGriogair a-staigh na àite ach chan eil mi ag ràdh nach bi iondrainn aca air Adams agus gu cinnteach tha brògan mòra aige ri lìonadh.

Broadcasts

Podcast

  1. Image for Spòrs Na Seachdain

    Spòrs Na Seachdain

    "Spòrs Na Seachdain" is a spotlight on the weekend sporting action. Presenter John Morrison…

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.

Added. Check out your playlist Dismiss