Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An t-Urr Coinneach Fearghasdan 2002 - 2/2

Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 34:18-19 air fonn Dundee agus 's e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu
Salm 72: 18-19 air fonn Stornoway agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughadh: Isaiah 12: 1-5
Ceann-teagaisg Isaiah 12:1

Rugadh an t-Urr Coinneach Fearghasdan air a' Bhac ann an Leòdhas ann an 1946. Chaidh e a sgoil a' Bhac agus gu Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas far an robh ùidh mhòr aige ann a bhith ag obair le aodach. Lean e air adhart le obair rannsachaidh air a' chuspair sin ann an Colaiste Theicnigeach ann an Dewsbury. Thill e air ais a Leòdhas ann an 1965 far an do chuir e seachad sia bliadhn' deug ag obair ann an gnìomhachas a' chlò mhòir.
Thàinig atharrachadh ann am beatha Mhgr Fearghasdan ann an 1970. Bha ùidh mhòr aige anns na searmoin aig an Urr Murchadh MacAmhlaigh, a bha na mhinistear aig an àm sin air a' Bhac.
Chaidh Mgr Fearghasdan air ais dhan oilthigh grunn bhliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e teisteanas BA ann am Beurla agus Eachdraidh. Às dèidh sin, chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Chroiseaboist ann an 1984. Tha Mgr Fearghasdan air a mhinistrealachd air fad a chuir seachad ann an Leòdhas. Às dèidh sia bliadhna deug air na Lochan ghluais e an uair sin gu Nis, far an robh e na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chrois gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Tha Mgr Fearghasdan air a bhith sàs air iomadach comataidh thar nam bliadhnaichean, nam measg, na chathraiche air a' Chomataidh Stiùiridh aig Ionad-Cùraim Bethesda ann an Steòrnabhagh.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 24 Aug 2014 21:00