Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An Lùnastal 2014

Prògram sònraichte mar chomharra air 100 bliadhna bhon a thòisich a' Chiad Chogadh.

An-diugh, tha Marc, Iain MacAmhlaigh, Aonghas Dubh MacNeacail agus Màiri Kidd a' toirt beachd air leabhraichean 's bàrdachd a tha stèidhichte sa Chogadh Mhòr.

Bho samhail All Quiet on the Western Front le Erich Maria Remarque gu Birdsong le Sebastian Faulks agus Regeneration le Pat Barker, tha na mìltean de leabhraichean ficsean air a bhith air an stèidheachadh air a' Chogadh Mhòr.

Agus ann am bàrdachd, a thuilleadh air ùghdarran ainmeil leithid Wilfred Owen agus Siegfried Sassoon, tha luaidh ga dheanamh air briathran Dhòmhnaill Ruaidh Choruna is eile ann an Gàidhlig.

Tha Iain, Aonghas agus Màiri a' taghadh na leabharaichean agus na pìosan bàrdachd as fheàrr a chòrd riutha fhèin agus a' bruidhinn mu na diofar seallaidhean a bha sgrìobhaichean a' gabhail air a' Chiad Chogadh.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 3 Aug 2014 15:30

Iain MacAmhlaidh, Mark Wringe agus Aonghas Dubh MacNeacail

Iain MacAmhlaidh, Mark Wringe agus Aonghas Dubh MacNeacail