Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An t-Oll Urr Iain D Caimbeul, Eaglais Shaor Shnìosoirt ann an1992

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Oll Urr Iain D Caimbeul nuair a bha e na mhinistear air cothional Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach bho 1992

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-3 air fonn Kilmarnock, 's e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn agus Salm 91: 15-16 air fonn St David 's e Seumas Gracie a tha os cionn na seinn a chaidh a thogail ann an Eaglais Shaor Shnìosoirt

Leughadh: Salm 89: 1-21
Ceann-teagaisg: 2 Samuel 23:5

Rugadh an t-Oll Urr Iain D Caimbeul ann an Steòrnabhagh ann an 1963. 'S e as sine dhen teaghlach aig Iain Tormod agus Lily Chaimbeul, le dithis peathraichean, Meg is Alma, nas òige. 'S e ministear a bha na sheanair air taobh a mhàthar - an t-Urramach Iain MacCoinnich a bha na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor a' Phluic agus mu dheireadh Eaglais an Oib. Chaidh Mgr Caimbeul oideachadh ann an Àrd-sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean tha e air teisteanasan MA fhaighinn à Glaschu, BD agus MTh à Lunnainn, agus Dip Th agus PhD à Dùn Èideann.

Chaidh Mgr Caimbeul a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1988 far an robh e na mhinistear air coitheanal Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach bho 1988 gu 1995. Ghluais e an uairsin a Leòdhas far an robh e bho 1995 gu 2009 na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor a' Bhac. Bho chionn dà bhliadhna ghluais e gu Eaglais Shaor an Rubha. Tha Mgr Caimbeul pòsta aig Anne agus that triùir chloinne aca, Iain, Stephen agus Emily.

Tha Mgr Caimbeul air grunn leabhraichean a sgrìobhadh, tha e na shearmonaiche ainmeil agus daonnan a' cur ri làraich-lin leithid Alliance of Confessing Evangelicals agus Ligonier Ministry, a bharrachd air a bhith sgrìobhadh pìos airson a' phàipeir ionadail Gasaet Steòrnabhaigh gach seachdain. Tha e a' cur seachad torr ùine a' toirt seachad òraidean agus a' searmonachadh anns an dùthaich seo agus thall thairis.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 27 Jul 2014 21:00

An t-Oll Urr Iain D Caimbeul

An t-Oll Urr Iain D Caimbeul