Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An-diugh na modhan a bu chòir daoine a bhith a' cleachdadh nuair a tha iad a' campachadh. Tha triùir a tha dèidheil air a bhith a' campachadh, Pàdruig MacAmhlaigh, Dòmhnall MacNèill agus Cailean Macleòid, a beachdachadh.

Cuideachd na modhan a chluinneas daoine a tha air àrd ùrlar bhon luchd amharc. A bheil e a' cuir dragh orra agus mar a tha iad a' dèigeadh ris. A' còmhradh tha Calum MacFhionghuinn, Joy Dunlop agus Donnie Mac a' Ghobhainn.

Tha an Dotair Alasdair Moireasdan a' mìneachadh a naidheachd is ùire a tha an lùib an tinneas Alzheimers gu bheil e an urra ris an dòigh beatha a tha daoine a' cleachadh.

Tha Iain MacIlleChiar ag innse mun leabhar is motha a thug buaidh air - The Problem of Language Revival air a sgrìobhadh le Peter Beresford agus James Smith.

Tha Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm an-diugh air a sgrìobhadh agus air a leughadh le Daibhidh Eyre. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Tue 22 Jul 2014 21:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

A Richard chòir


Bha mi a' smaoineachadh ort o chionn greis. Didòmhnaich a bh' ann - Latha a' Chuimhneachaidh - agus bha mi a' dol seachad air carragh-chuimhne ann am Baile an Truiseil ann an Siorrachd Àir.


Aig mullach a' charragh-chuimhne seo, tha ìomhaigh ban-dia - Àithne 's dòcha, no Nike. Tha i ann an copar uaine, a' coimhead a-mach gu Eilean Arainn - a-mach gu Creag Ealasaid – cearcall de lusan na làimh, ga thoirt seachad dha na mairbh, no ga ghabhail bhuapa 's dòcha.


Aig a casan air an là seo, bha crom-lusan dearga nan laighe an aghaidh dath ruadh na cloiche ghainmhich, a’ chlach a' coimhead fann an aghaidh dath nam flùraichean fuadain.


Bha samhla aig cridhe gach cearcall: Suaicheantas Chomhairle Siorrachd Àir a Deas; Lasair an t-Seirbhis Smàlaidh; Acair nam BBs; Combaist is Ceàrnag nam Masons.


Agus sgrìobhte gu h-àrd: "This statue was placed to commemorate the men of Troon who seeking the welfare of their country gave their lives in so doing and are now resting in and beyond the seas."


Chan ann bhon Truiseal a bha thusa ge-tà, Richard. Tha fhios agam. 13 Longlea Place, Baillieston, pìos a-mach à Glaschu ann an Siorrachd Lannraig. Tha an seòladh agad air a' phìos phàipeir far an do sgrìobh thu d' ainm gus àite fhaighinn san arm - 1915 a bh' ann - agus bha thusa naoi bliadhn' deug a dh'aois.


Nuair a leugh mi a’ bhileag sin, mhothaich mi nach deach thu a-steach air Rèisimeid Albannach idir, ach do Fusiliers Rìoghail Bhaile Àtha Cliath.


Ann an dòigh, tha e a' dèanamh ciall. 'S ann sa cheàrnaidh sin a rugadh 's a thogadh d' athair Daibhidh, mus tàinig e a-null a dh'Alba airson obair. Mèinnear a bh' ann, mar a bh’ annadsa. Mar a bha nad bhràithrean uile, Henry, Daibhidh beag, Mìcheal, agus Johnnie, mo sheanair, athair m' athar.


Ach ann an dòigh, chan eil e a' dèanamh ciall idir gun deach thu an sàs ann. Oir bha d' athair làn bheachdan phoilitigeach nach còrdadh ri mòran ann an arm Bhreatainn. Fenian a bh' ann. Chaidh innse dhomh gun robh e an sàs sna Irish Volunteers - militia a bha airson Èireann a bhith neo-eisimeileach. A rèir sgeulachdan m' athar, bha Daibhidh os cionn meur ionadail nan Volunteers ann am Baillieston. Agus 's dòcha gun robh. Tha fhios agam gun robh an leithid ann, agus sin air ainmeachadh ann an leabhar eachdraidh ainmeil - The Irish in Modern Scotland.


Mar sin Richard, dè thuirt Daibhidh an là sin? Dè thuirt e nuair a thill thu dhachaigh gus innse dha gun robh thu a' dol gu cogadh airson an Rìgh agus Ìmpireachd Bhreatainn, gus saorsa a thoirt do dhùthchannan beaga.


Bha thu sna mèinnean, a Richard. Reserved occupation. Bha cothrom agad an sgrios eagallach sin a sheachnadh gu tur. Le sin, feumaidh gun robh thu airson a dhol an-sàs ann. Carson a bha sin? Dè bha cho cudromach dhut mu dheidhinn?


An robh na h-aon bheachdan agad am bliadhna às dèidh dhut a dhol dhan airm? Ann an 1916 nuair a nochd trì batalaidheanan dhe na Fusiliers agad air sràidean Bhaile Àtha Cliath, gus sabaid an aghaidh nan Irish Volunteers sin. An robh thu an sin, a Richard? Fhad ’s a tha fios ’am, cha robh. 'S ann anns an Fhraing a bha thu. Ach cò aig a tha fios? Dìreach sgeulachdan a th' agam mu d' dheidhinn. Fathannan. Faileasan.


Tha fhios agam gun do thill thu às aig a' cheann thall. Sàbhailte. Slàn. Slàn gu ìre co-dhiù. Chaidh innse dhomh gun robh thu cho sgìth le na chunnaic thu agus na dh'fhuiling thu san Roinn Eòrpa,’s gun robh thu airson fàgail. 'S dòcha nach robh cùisean cho rèidh aig an taigh cuideachd, 's Daibhidh a' seinn laoidhean do ghaisgich Èirigh na Càisge. Aig a’ cheann thall, chaidh thu a-nall a dh'Ameireaga. Boston an toiseach agus an uair sin Chicago.


Ach, cha robh thu fada ann. Chaidh do shàthadh gu bàs. Cha d' fhuair an teaghlach mòran fios mu na thachair. Cuideigin a' feuchainn ri goid bhuat 's dòcha? No dh'fhaodte, sabaid ann am bàr, aig deireadh deasbad mu dheidhinn poilitigs na h-Èirinn?


Cha bhi fios agam gu bràth, Richard. Tha mi 'n dòchas nach do dh'fhuiling thu cus co-dhiù. Tha mi 'n dòchas gun d' fhuair thu fois is toileachas air taobh eile a' Chuan Siar mus do bhàsaich thu, mar a bhàsaich iomadh gille eile sna làithean brùideil sin, ge-bith dè an èideadh a bh' orra.


Bha mi dìreach son fios a bhith agad, Richard, gun robh mi a' smaoineachadh ort, 's air Daibhidh, 's Johnnie agus do bhràithrean uile, an là grianach sin sa gheamhradh, agus a’ ghrian a' toirt air gach pìos gainmhich lasadh airson diog. Air an là brèagha sin, nuair a rinn mi Creag Ealasaid mar charragh-chuimhne dhut, ann am meadhan Cuan na h-Èireann.