This programme is not currently available on BBC iPlayer Radio

Talla Nis @ 50

Chaidh Talla Nis a fosgladh air Dimàirt 21mh Iuchair 1964. Bha luaidh ga dhèanamh oirre mar an talla as motha agus as goireasaiche taobh a-muigh baile Steòrnabhaigh.

Bha àrd-urlar innte na bu mhotha na bh'ann a Steòrnabhagh, seòmraichean-sgeadachaidh do dh'actaran agus oifis thiocaidean. Agus ghleidheadh i suas ri 500 neach.

Bha i loma-làn 's a' cur thairis an oidhche a chaidh a fosgladh, nuair a chruinnich na ceudan mòra dhaoine aig ceilidh. Chlàr Pàdraig Greumach à Borgh pàirt dhen oidhche agus tha sin ri chluinntinn anns a' phrògram seo.

Cluinnear cuimhneachain muinntir na sgìre fhèin air an oidhche mhòr sin ann an 1964. Agus innsidh iad cuideachd mun iomadh cuirm agus cruinneachadh dòigheil a th'air a bhith anns an talla thairis air na bliadhnaichean.

A' bruidhinn anns a' phrògram tha Murchadh MacRisnidh a thog an talla, Màiri Anna Mhoireasdean, Tormod Caimbeul, Iain Gordon Dòmhnallach, Coinneach MacLeòid, Caristiona is Iain MacLeòid a phòs innte agus Donaidh MacLeòid a tha 'n-diugh na chathraiche air an talla.

Agus cluinnear cuideachd Calum Dòmhnallach bhon chòmhlan Runrig, le chuimhneachain fhèin air cuirmean Nis!

Release date:

30 minutes

Last on

New Year's Day 2015 19:00