Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Bhuannaich Lionel Messi aig sgioba Argentina an duais 'Ball Òr' airson an cluicheadair a bh'fhèarr ann an Cupa na Cruinne aig' a gheam crìochnachaidh oidhche na Sàbaid, ach cha robh e idir toilichte mu dhèidhinn air sgath s' gun robh e air a nàrachadh nach do bhuannaich an sgioba aige am geam deireannach. Tha sinne gu bhith a' faighneachd a bheil cus uallach ga chuir air cluicheadairean spòrs an dleasdanas a dhèanamh aig àrd-ìre?

Mar phàirt dhen cho-labhairt aig Rannsachadh na Gàidhlig a ghabh àite ann an Dùn-Èideann thug Coinneach MacIlleathain seachad òraid "Haggis agus....Gaelic Scotland through a tourist minibus". Mìnichidh e na beachdan bh'aige do Choinneach agus leudaichidh sinn air a' chuspair le bhith a' faighneachd dè a tha agus dè a bu chòir do na Bùird Turasachd agus Gnìomhachasan Turasachd a bhith
a' dèanamh airson ar cànan agus ar cultar a bhrosnachadh do luchd-turais.

Tha Cairistìona NicChonail ag innse mun leabhar as motha a thug buaidh air a beatha a bharrachd air a' Bhìobull fhèin The Invitation - Oriah Mountain Dreamer.

Cuideachd cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Calum MacFhionghain chun An t-Saighdeir Gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.

Release date:

57 minutes

Last on

Tue 15 Jul 2014 21:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Cò thu?  Nad sheasamh an sin le fiamh a’ ghàire, sùilean le blàths, litir nad làimh. 


Cò thu a tha an seo nad sheasamh?

 
An do sheas thu aig glùin do mhàthar còmhla ri do bhràithrean ’s do pheathraichean le solas an t-saoghail ghealltanach a’ deàrrsadh ort?

 
An do sheas thu aig geata na sgoile, feasgar samhraidh, le mire is spòrs ’s tu a’ magadh air na caileagan òga?

 
An do sheas thu nuair a thàinig an gairm? Le misneachd, le fèin-earbsa le brag na h-aois ’s tu deiseil is deònach ann an deise an airm?

 
An do sheas thu le d' gunna air do ghualainn ’s tu a’ feitheamh an t-òrdan airson sabaid is strì?

 
An do sheas thu a’ sgrìobhadh le do pheansail beag purpaidh, litir gu do leannan, leth-fìrinn agus breug?

 
An do sheas thu ann an crèadh fhliuch ’s tu bog salach, cas-rùisgte ann am fèileadh neo-fhreagarrach airson cogadh is cath?

 
An do sheas thu ceann crom san t-sloc ifrinniche sin, ’s na peilearan a’ seinn seachad ort ’s tu guidhe ri Dia gun tigeadh am bàs?

 
An do sheas thu anns an trainnse a’ feitheamh ris a’ mhionaid airson dìreadh a-mach, gu deireadh an t-saoghail - No Man's Land?

 
An do sheas thu aig uaigh do chompanach nuair a bhàsaich e - a’ chiad uair, an darna uair, an treas uair?  A’ gabhail ùrnaigh le sùilean gun deòir?

 
Agus an do sheas thu balbh, le faireachdainn marbh, gun aoibhneas no bròn leis an naidheachd gun tàinig an sìth?  Mar pìos dhen talamh fhèin.

 
An do sheas thu aig fois le smuain, às dèidh na bha siud a dh’ùine, às dèidh na thachair rinn, na dh’fhuiling sinn aig taigh is air falbh, dè bhuannachd a bh' ann dhuinn?  Cogadh a chuireadh crìoch air cogadh.

 
Sheas thu, gu dearbh sheas agus seasaidh.