Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

11/07/2014

Bha latha mòr ann an Steòrnabhagh Dimàirt agus Baton na Bànrigh a dèanamh an t-slighe tro na h-Eileanan an Iar. Tha muinntir Leòdhais air a bhith ag innse dha Shona agus Marnie mar a chòrd an tachartas leotha.

Cuideachd Litir Chun an t-Saighdeir Gun Ainm air a sgrìobhadh agus air a leughadh le Ailsa Ghreumach.

Agus tha Sgoilearan Ulapul air laithean saora ann an Eilean Neònach, dràma na seachdain seo air Aileag. bbc.co.uk/aileag.

Release date:

57 minutes

Last on

Sat 12 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Ailsa Ghreumach

A dhadaidh chòir,


Tha mi gad ionndrainn gu mòr.  Chan eil e mar bu chòir nuair nach eil thu ann. Tha mi fhathast a' cluinntinn an gàire mòr brùideil agad anns an taigh. Cuin a bhios tu a' tighinn air ais? Dh'fhaighnich mi dha mamaidh agus cha d' thuirt i càil. 


Bhàsaich dadaidh Catriona agus bha i a' gal. Bha mi gu math brònach cuideachd air sgàth bha dadaidh Chatriona cho èibhinn. Tha mi an dòchas nach eil thusa a’ dol a bhàsachadh dadaidh. Buannaichidh sibh an cogadh mòr dhuinn. Tha mi cinnteach às.

 
Tha cùisean aig an taigh gu math. ‘S e co-là-breith Choinnich a th’ ann an-diugh. Tha e trì bliadhna a dh’aois. Chan eil mi ga chreidsinn! Nuair a dh'fhalbh thu bha e dìreach air a bhreith. Chan eil fios aige gu bheil dadaidh aige fhathast. Chan eil sinn ag iarraidh innse dha. Cha tuig esan gu bheil dadaidh aige. 


Tha trom-laighe air a bhith aig Eliza mun a chogadh an-dràsta. Gach oidhche bidh i a' tighinn dhan leabaidh agam. Bidh mi ag innse sgeulachdan bho mo mhac-mheanmna dhi. 


‘S e sgeulachd as fheàrr leatha, am fear mu dheidhinn eilean air a bheil an t-ainm Eilean Sìth. Tha thu fhèin, Eliza agus mise a' fuireach air an eilean air falbh bhon t-sabaid is bho strì an t-saoghail.


Gach oidhche a-nis tha i ag iarraidh sgeulachd Eilean Sìth a chluinntinn. Ach chan eil sin a’ cur dragh orm oir as dèidh gach sgeulachd bi i a' cadal gu socair. 


Tha Seumas ag ràdh air sgàth ‘s gur e bèibidh a th' ann an Eliza nach eil tuigse aice ‘s mar sin tha eagal oirre gu bheil thu a' dol a bhàsachadh. 


Bidh Seumas a’ toirt gàire oirnn ge-tà, is e a' smaoineachadh gu bheil thu na do shaighdear mar na feadhainn anns na leabhraichean aige le còta dearg agus putain air. Cha bhi na saighdearan anns na leabhraichean sin a' bàsachadh. Bu mhòr leamsa gun robh sin fìor.


Le gaol,


Ailsa  

Leugh le Catrìona Lexy Chaimbeul

Leugh le Catrìona Lexy Chaimbeul

Cothrom coimhead agus èisteachd ri sgeulachdan sgaiteach ann an Gàidhlig.