Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An t-Urr Sean Ankers, ministear ùr aig an Eaglais Shaor

Tha an t-Urr Sean Ankers dìreach air cead-searmonachaidh fhaighinn san Eaglais Shaor bho chionn làithean agus 's e seo a' chiad seirbheis a tha e air a chlàradh airson Dèanamaid Adhradh. Rugadh Sean Ankers ann am Peairt agus bha an teaghlach cuideachd a' fuireach anns a' Ghearastan. Tha e fhèin agus triùir pheathraichean anns an teaghlach. Chaidh e dhan sgoil ann an Lenzie agus Inbhir Nis agus cheumnaich e bho Oilthigh Obar Dheathain le ceum MA ann an Gàidhlig ann an 2011. Tha Sean air a bhith ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson trì bliadhna ag ullachadh airson na ministrealachd agus tha e dìreach air ceumnachadh. Fhuair e cead-searmonachaidh Diciadain sa chaidh aig seirbheis ann an Inbhir Nis, agus e nise a' feitheamh ri gairm bho choitheanal. Nuair a bha e anns a' cholaiste chur e seachad ùine san Eaglais Shaor ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus ann an Evanton agus an-dràsta fhèin tha e ann am Muile. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh Sean a' ruith agus a' coiseachd nam beann.

Release date:

30 minutes

Last on

Sun 29 Jun 2014 15:00

An t-Urr Sean Ankers

An t-Urr Sean Ankers