Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

An Canan Seumas MacNèill, Cathar-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban

Anns an t-seirbheis chuala sibh na laoidhean agus leughaidhean a leanas:
'Aon Spiorad, Aon Tighearna, Aon Dia' air a sheinn le Alasdair Codona.

Chaidh na pìosan a leanas den aifreann a chlàradh ann an Eaglais Moire nan Tonn agus Naomh Eòin ann a Bhatarsaigh - an Kyrie, Gloria agus an Alleluia. A' seinn an laoidh 'An seo nì Dia còmhnaidh am measg a' Phobaill', bha Catherine Tinney agus a' seinn 'Tha sinne Dhia a' seinn do Chliù' bha Amy NicAmhlaigh.

Leughaidhean :
Leughadh bho leabhar Ecsodus 34: 4-6 & 8-9
Leughadh bhon dàrna Litir aig Naomh Pol gu Muinntir Chorinth 13: 11-13
Soisgeul Eòin 3: 16-18

Rugadh Mgr Seumas ann an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e son ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha Mgr Seumas na shagart an toiseach ann am Morar agus Beinn a' Bhadhla agus an uairsin ghluais e gu Oilthigh Ghlaschu far an robh e a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd airson còig bliadhna. Chaidh e an uairsin dhan Eilean Sgiathanach agus b' e a' chiad sagart-paraiste a bh' air sgìre an Eilein Sgiathanaich. Aig an àm sin bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh.

Tha Mgr Seumas an-diugh stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban agus 's e an iar-easbaig a tha air Sgìr'-easbaig Earra-Ghàidheal 's nan Eilean.

Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is toigh leis a bhith a' leughadh 's a' coiseachd.

30 minutes

Last on

Sun 22 Jun 2014 15:00
Added. Check out your playlist Dismiss