Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

10/06/2014

Tha Màiri Alice Bartlett a' toirt a beachd air Frog Music, an nobhail ùr aig Emma Donoghue a tha ainmeil airson an leabhar Room. 'S ann ann an San Francisco ann an 1876 a tha an sgeulachd ùr aice steidhichte agus a tha a' toirt boillsgeadh air beatha triùir a bha an sàs anns an t-siorcas.

Ann an sreath ùr air Feasgar cluinnidh sinn stiùirichaidhean film ainmeil agus an obair a rinn iad anns a' ghnìomhachas. An-diugh tha Marie NicMhathain ag innse mu na bràthrean Coen a tha air ceithir duais Oscar a thogail còmhla nam measg duais airson a' film No Country for Old Men.

A' comharrachadh ceud bliadhna as dèidh toiseach a' chiad chogaidh tha an sgeulachd ainmeil aig Sebastian Faulks Birdsong a-nis ri fhaicinn air an àrd-ùrlar ann a Dùn Dè. Stèidhichte anns an Fhraing aig toiseach a' chogaidh tha e ag innse sgeulachd Stephen Wraysford, duine òg à Sasainn, a tha ga lorg fhèin an deis meadhan Blàr an Somme. Tha Iain Moireasdan air Birdsong fhaicinn agus cluinnidh sinn mar a chòrd e ris.
www.bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 10 Jun 2014 12:03

Reasabaidhean Èisg

Reasabaidhean Èisg - Bradan / Muasgan-caol

Reasabaidhean èisg còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn.

Added. Check out your playlist Dismiss