Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

Taighean de Riochd Ùr

Anns an t-sreath seo, bha Calum Aonghas MacAoidh a' toirt sùil air na dòighean agus a' chomhairle as ùire a tha an cois a bhith a' togail thaighean, gan leasachadh agus gan teasachadh.

An-diugh, anns a' phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, tha e tadhal air dà dhachaigh de riochd buileach ùr. Ann am Bàigh na Hearadh, tha Alasdair Leonard air tilleadh gu eilean a shinnsearean an dèidh a dhreuchd a leigeil dheth. Tha e togail taigh ùr air rubha Àird Druim an Tolla, goirid do làrach taigh a sheanar.

Tha an taigh air a chòmhdach ann am fiodh Siberian Larch, air a dhealbhachadh airson a bhith èifeachdach le cumhachd agus tha uinneagean mòra a' coimhead còmhnard gu muir.

Ann an Steòrnbhagh, tha Calum Aonghas a' coinneachadh ri teaghlach òg a th' air gluasad air ais gu na h-eileanan gu dachaigh a tha cuideachd air a dhealbhachadh ann a riochd ùr.

Agus cluinnear mu dè seòrsa taighean ris am bi dùil anns na bliadhnaichean ri teachd.

30 minutes

Last on

Sun 4 May 2014 13:00
Added. Check out your playlist Dismiss