Sorry, this episode is not currently available on BBC iPlayer Radio

24/04/2014

Thadhail am Prionnsa Uilleam agus a' Bhana-Phronnsa Ceit air stiùidio ann an Adelaide an t-seachdain 'sa agus iad air turas gu ruige Sealan Nuadh agus Astràilia. Fhuair iad cothrom ceòl a mheasgachadh air innealan seann-chlàir a bhiodh a' cleachdadh clàir vinyl, coltach ris na h-innealan a tha DJ's a cleachdadh fiù 'san latha an-diugh. Cluinnidh sinn bho Ruairidh Ghreumach bhon chòmhlan Niteworks, dè dìreach an seòrsa obair a th'aig DJ's agus na th'aca ri dhèanamh.

Tha Dòmhnall Dòmhnallach air ais le tuilleadh sgeulachdan à saoghal teicneòlais agus tha Murchadh Moireasdan a' toirt iomradh air na dh'fhaodadh dùil a bhith againn air BBC ALBA air a' mhìos a tha romhainn.
bbc.co.uk/feasgar.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 24 Apr 2014 12:03